An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uisge-beatha"
b robot Modifying: simple:Whisky |
b robot Adding: my:ဝီစကီ |
||
Loidhne 80: | Loidhne 80: | ||
[[lt:Viskis]] |
[[lt:Viskis]] |
||
[[lv:Viskijs]] |
[[lv:Viskijs]] |
||
[[my:ဝီစကီ]] |
|||
[[nl:Whisky]] |
[[nl:Whisky]] |
||
[[no:Whisky]] |
[[no:Whisky]] |
Mùthadh on 22:06, 13 dhen Dàmhair 2010
Is e uisge beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn. Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge beatha, mar is àbhaist, buidhe is trid-shoilleir.
Gu tradiseanta, tha uisge beatha air tarraing a braich, se sin eòrna a th'air brachadh (toirnichte). As dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.
Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an tòiseach am brachadh a dhèanamh caochan.
Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (As deidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).
Uisge-beatha na h-Alba
Se deoch nàiseanta na h-Alba. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Eireann gu Dal Riada.
Dhèanadh na Gaidheil uisge beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gniomhachas mòr a th'ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta
a'dèanamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.
Roinntean Uisge Beatha ann an Alba
Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinntean tìr-eòlasach: Ìle, A'Ghaidhealtachd, Srath Spè, A'Ghalltachd, Na h-eileanan, An Iar-ghaidhealtachd, agus Ceann Loch Chille-Chiarain.
Seo cuid de na taighean-staile ainmeil: