An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: mn:Шотланд
Loidhne 135: Loidhne 135:
[[hak:Sû-kak-làn]]
[[hak:Sû-kak-làn]]
[[he:סקוטלנד]]
[[he:סקוטלנד]]
[[hi:स्कॉटलैण्ड]]
[[hi:स्कॉटलैंड]]
[[hr:Škotska]]
[[hr:Škotska]]
[[hsb:Šotiska]]
[[hsb:Šotiska]]

Mùthadh on 19:53, 5 dhen t-Sultain 2010

Alba
Bratach na h-Alba no Crann na h-Alba Leòmhann na h-Alba
Bratach Leòmhann
Cànan Oifigeil: Dim. Beurla, Gàidhlig (2004 act)
Prìomh-bhaile:Dùn Èideann
Baile is Motha:Glaschu
Prìomh Mhinistear:Ailig Salmond
Farsaingeachd
 -
 - % Bùrn:
Reangach 2
78,782 km²
1.9%
Aireamh-shluaigh
 - (2001):
 - Daingneachd:

5,062,011
64/km²
Stèidhichte:Coinneach mac Alpin 843
Ruith-Airgid: Punnd Sasannach (£)
Roinn Tìde:UTC
Laoidh naiseanta:neo-oifigeil:
Flùr na h-Alba (Flower of Scotland)

'S e dùthaich suidhichte ann an taobh tuath Bhreatainn a th' ann an Alba. Bha i na rìoghachd neo-eisimileach gus an 18mh linn nuair a dh' aonaich Alba agus Sasainn airson Rìoghachd Bhreatainn Mòr a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1707. Anns a' bhliadhna 1801 dh'aonaich Rìoghachd Bhreatainn Mòr le Rìoghachd na h-Eirinn airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh. Ann an 1999, chaidh Pàrlamaid na h-Alba a' chur air bhonn, far am bithear a' dèiligeadh ri gnothaichean poilitigeach a tha a' buntainn do dh' Alba a-mhàin.


Eòlas-Cruinne

Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus 's e a' chrìoch le Sasainn taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air tìr-mòr, tha na ceudan de dh' eileanan – leithid Sealtainn, Arcaibh (Na h-Eileanan-a-Tuath) agus Na h-Eileanan an Iar air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn ann an trì pàirtean chudthromach: a’Ghàidhealtachd, a’Ghalldachd agus na Monaidhean a Deas. Tha a’chuid mhòr den t-sluagh a’fuireach 's a' Ghalldachd Meadhanaich - no Meadhan na h-Alba, far am faighear na bailtean as motha ; Glaschu agus am prìomh-bhaile Dùn Èideann .

An Geòlas

Nuair a thachair mòirneasachd ann an Lodaidh an Ear (Lodainn an Ear), o chionn 350 muillean bhliadhna, bha am pairt de Rusg na Talmhuinn air am bheil Bhreatainn suidhichte faisg air Crios na Cruinne agus bha e na roinn de proto-Tir-Mòr a tha aithnichte dhuinn leis an ainm Pangaea. Tro linntean fada chaidh co-gluasad eadar roinnean den rusg, aithnichte dhuinn mar clàran thìr-mòr, agus thachair sgleog leis tir-mòr Gondwana.

Cha dh’thàinig na pairtean mu thuath agus mu dheas na Breatainn teannta, no còmhla, gu 75 muilean bliadhnan roimh toiseach na Bholcanas ann an Lodaidh an Ear. Bha Alba agus pairt de cheann a tuath na Sassain nam pàirt de thìr-mòr Laurentian roimh-làimh, far an robh Amearaga mu Thuath agus a’ Ghraonlainn. Aig a h-aon àm, bha an dara leth de 'n Bhreatainn torr nas fhada (mu 40° de domhainn leud) do 'n dheas, faisg air Afraga agus Amearaga mu Dheas ann an tìr-mòr de Gondwana.


Eachdraidh

Ri linn nan Ròmhanach

Anns a' bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmanach a' riaghladh ceann a deas Bhreatainn dom b' ainm Agricola, a smaoinich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmanaich. Leis an rùn sin chuir e air a' bhliadhna ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhna an dèidh dhaibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air adhart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna,(trì càmpichidhean mar a theireadh iadsan), an do cheannsaich e an tìr gu iomall a deas ann an àite den dùthaich ris an abrar a-nis a' Ghàidhealtachd. 'S e sin an t-àite as cuinge den eilean gu h-iomlan. Chan eil ach 35 mìle eadar ceann na Friù agus taobh abhainn Chluaidh. Thog Agricola sreath dhaingnichean bho mhuir gu muir an siud anns am bheil mu 36 mìle air fad. Ghoirteadh Gàradh Antoninus ris, oir b'e siud ainm an Ìmpire a bh' ann nuair a thogadh e. Bha e fichead troigh air àirde, 's ceithir troighe-fichead air tiughad, 's dìg leathann, dhomhainn, air a cladhach ri a aghaidh. Bha rathad leathann airson nan saighdearan a' ruith air a thaobh deas bho cheann gu ceann; 's bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann dheth, an uidhe dhà mhìle bho chèile. Cha robh siud a' cumail muinntir nam beann bho bhith an-dràsta 's a-rithist a' toirt ionnsaigh air a' bhalla, 's orra-san a bha ga dhìon.

Alba Ùr-nodha

Tha sia bailtean mòra ann an Alba:

Poileataigs

An Caibineat

Faic prìomh aiste: Poileataigs na h-Alba

Fòghlam ann an Alba

Tha ceithir Oilthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad :

Tha trì oilthighean deug ann an Alba gu lèir.

Na Meadhanan

Tha pàipearan-naidheachd iomadaidh ann an Alba. Tha An Herald agus an Daily Record suidhichte ann an Glaschu agus tha an t-Albannach suidhichte ann an Dùn Èideann.

Ceangal a-mach

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA