An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pretoria"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 49: Loidhne 49:
[[be-x-old:Прэторыя]]
[[be-x-old:Прэторыя]]
[[bg:Претория]]
[[bg:Претория]]
[[bo:ཕི་རི་ཐོ་རི་ཡ།]]
[[bs:Pretoria]]
[[bs:Pretoria]]
[[ca:Pretòria]]
[[ca:Pretòria]]

Mùthadh on 04:17, 25 dhen Iuchar 2010

Pretoria
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Afraga a Deas
Ceàrn Gauteng Province
Co-chomharran 25° 43’ Deas
28° 17’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,644 km²
Àireamh-shluaigh 1,884,046 (2005)
Dlùths 1,146.01/km²
Àireamh fòn +2712
Duilleag oifigeil www.tshwane.gov

'S e prìomh-bhaile riochdail Afraga a Deas a tha ann am Pretoria. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Cape Town (reachdail) agus Bloemfontein (breithneachail).

Tha Pretoria suidhichte mu 50 cilemeatair san taobh tuath Johannesburg anns an earra-thuath Afraga a Deas. Tha ruith-bheanntan Magaliesberg timcheall air a’ bhaile.

Chaidh Pretoria a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1855 le Marthinus Pretorius. Thaghadh esan an t-ainm airson urram a thoirt don athair aige: Andries Pretorius a bha na ghaisgeach nàiseanta. Bhon 1ad an Cèitean 1860 bha Pretoria na phrìomh-bhaile Poblachd Afraga a Deas neo (ZAR). Nuair a dh’atharraich Poblachd Afraga a Deas gu Afraga a Deas ann an 1961, bha Pretoria na phrìomh-bhaile riochdachail.

Bha mì-chliù air a' bhaile mar: “Capital of Apartheid” (Prìomh-bhaile an sgaradh-cinnidh). Ach dh’atharraich sin aig an àm nuair a bha Nelson Mandela na chiadh cheann-suidhe dhubh. Bha esan a’ fuireach anns na Union Buildings ann am Pretoria. Tha an riaghaltas Afraga a Deas ag obair an seo. Tha an togalach na laighe air Meintjies Kop.

Faidhle:Union Buildings Pretoria.jpg
Union Buildings, Pretoria, far a bheil riaghaltas Afraga a Deas suidhichte

Foghlam

'S e aon de na bailtean as cudthromaiche ri taobh foghlam a tha ann am Pretoria. Tha mòran oilthighean ann:

  • University of Pretoria, an t-oilthigh as motha na dùthcha,
  • Tshwane University of Technology, oilthigh teicneòlas
  • University of South Africa, ainm goirid: UNISA, an t-oilthigh as motha a tha a’ dèanamh foghlam aig astar.
Voortrekker Monument ann am Pretoria
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: