An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nóvita (Chocó)"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 34: Loidhne 34:


== Ceanglaichean A-mach ==
== Ceanglaichean A-mach ==
[http://www.wunderground.com/cgi-bin/findweather/getForecast?query=Nóvita&wuSelect=WEATHER An t-sìde ann an Nóvita]
[http://www.wunderground.com/cgi-bin/findweather/hdfForecast?query=novita&searchType=WEATHER An t-sìde ann an Nóvita]


{{commonscat}}
{{commonscat}}

Mùthadh on 13:31, 26 dhen Mhàrt 2010

Nóvita
Mapa a' bhaile
Faidhle:MunsChoco Novita.png
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Chocó
Àirde 70m
Co-chomharran 04º 57' 21' Tuath
76 º 36' 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,327 km²
Àireamh-shluaigh 7,867 (2005)
Dlùths 5.93/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e baile beag ann an Chocó, Coloimbia,[1] a th'ann Nóvita. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha eadar Oirthir a’ Chuain Sèimh agus Beanntan na h-Andes, aig astar 132km bho Quibdó, prìomh-bhaile na roinne. Tha àirde meadhanach dhe 70m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1709.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 7,867 nan tàmh anns a' bhaile, tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,306, a' fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘ s e pàtran àireimh-sluaigh gu math traidiseanta a th’ann an Nóvita fhathast.

Taobh chinnidh, ' s e daoine le freumhan ann an Afraga a th’ann a’ mhòr-chuid dhe (93.5%) dhe na daoine ann an Nóvita, ach tha 5.5% dhe Tùsanaich agus 1% dhe daoine geala/mestizos cuideachd. ' S urrainn dhan 60% dhe na daoine ann an Nóvita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eilfòn aig ach 7% dhe na dachannan.[4]

Daoine Ainmeil

Carlos Holguín (18321894): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1888 agus 1892.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Nóvita

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: