An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Santos Gutiérrez Prieto"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 65: Loidhne 65:




B' e '''Santos Gutiérrez Prieto''' ([[El Cocuy]], [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]], 24mh [[an Damhair]] [[1820]] - [[Bogotá]], [[Cundinamarca (Roinn)|Cundinamarca]], 6mh [[an Gearran]] [[1872]]) [[stàitire]], [[saighdear]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]]. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho [[1868]] gu [[1870]]. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le [[Braisil]] a steidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.
B' e '''Santos Gutiérrez Prieto''' ([[El Cocuy]], [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]], 24mh [[an Damhair]] [[1820]] - [[Bogotá]], [[Cundinamarca (Roinn)|Cundinamarca]], 6mh [[an Gearran]] [[1872]]) [[stàitire]], [[saighdear]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]].<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho [[1868]] gu [[1870]]. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le [[Braisil]] a steidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.


==Beatha==
==Beatha==
Loidhne 87: Loidhne 87:
Leig esan Ceannas na Poblachd ann a [[1870]], nuair a thug an teirm aige gu ceann, agus dh'ainmich am Mòr-dhail Nàiseanta e na [[neach-ainmichte (Coloimbia)|neach-ainmichte]] ùr. Chaochail e air an oighreachd aige, ris an canadh La Primavera, dlùth air Guaduas (Cundinamarca) an an [[1872]].
Leig esan Ceannas na Poblachd ann a [[1870]], nuair a thug an teirm aige gu ceann, agus dh'ainmich am Mòr-dhail Nàiseanta e na [[neach-ainmichte (Coloimbia)|neach-ainmichte]] ùr. Chaochail e air an oighreachd aige, ris an canadh La Primavera, dlùth air Guaduas (Cundinamarca) an an [[1872]].


== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean A-mach ==
== Ceanglaichean A-mach ==



Mùthadh on 13:12, 21 dhen Ghearran 2010

Santos Gutiérrez Prieto

Ainm na Dùthcha Stàitean Aonaichte Choloimbia
Teirm 1 dhen Ghiblean 1868 gu 1 dhen Ghiblean 1870
Ro-Theachdaire Santos Acosta Castillo
Neach-Ionlaid Eustorgio Salgar
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 24mh an Dàmhair 1820
Àite Bhreithe El Cocuy Boyacá
Ceann-Là a Bhàis 27mh am Màrt 1872
Àite a Bhàis Bogotá Cundinamarca
Bean/Fear-Chèile 1) Ana Deodata Bernal 2) Hermelina Concha
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear


B' e Santos Gutiérrez Prieto (El Cocuy, Boyacá, 24mh an Damhair 1820 - Bogotá, Cundinamarca, 6mh an Gearran 1872) stàitire, saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1868 gu 1870. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le Braisil a steidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.

Beatha

Rugadh e ann an El Cocuy (Boyaca), 24mh an Damhair 1820 agus chaochail e ann am Bogotá, 6mh an Gearran 1872. ' S e stàitire agus saighdear a bh'ann, agus b' e fear dhe na laoich radaigeach a dhìon a' Phàrtaidh Libearalach ann an Coloimbia agus na Riaghaltasan aig an Olimpo Radical le spiorad gaisgeach sìobhalta.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an taigh ann an El Cocuy, agus an uair sin aig an àrd-sgoil Boyacá de Tunja. An dèidh sin dh' ionnsaich e lagh aig an Oilthigh Central, ann am Bogotá.

Chaidh e a chur an greim còmhla ri buidheann dhe na càirdean aige agus ga fhastadh le airm an Riaghaltais, ga chur gu rèisimeid dhe shaighdearan ùra airson a' Chogaidh Sìobhalta, agus le sin bha e an sàs ann an Còmhrag an Tuatha an aghaidh na guerrillas dùbhlanach; 's e saighdear an Riaghaltais a bh'ann.

An dèidh a' bheatha sin fo armaibh rè na 1840an, b' urrainn dha crìoch a chur air a chuid fhoghlaim aig an Oilthigh Central agus thug e ceum anns an Lagh 28mh an t-Samhain 1845. An ceann dà bhliadhna, 1 9mh an Giblean 1847, chaidh e a dh'ainmeachadh Fear Lagh le àrd-cùirt a' cheartais.

Shabaid Santos Gutiérrez an aghaidh an Deachdaire José María Melo ann an 1854. Dh'aontaich e ris na feachdan laghail agus thug e pàirt gu sgafanta anns na cathan aig Tierra Azul (neo Cordonal) agus aig Pamplona, agus an uair sin bha e an sàs anns a' chòmhstri airson Bogotá, is iad a' cur ruaig air na feachdan aig Melo.

Bha e an làthair aig a' Cho-chruinneachaidh ann an Rionegro, far an do deach am Bun-Reachd dhe 1863 a ghabhail ris. Mar sin, bha Stàit fheadarail fon ainm dhe Stàitean Aonaichte Choloimbia a chur air bhog, a mhair gu ruige 1886.

Ceann-suidhe na dùthcha

Dìreach an dèidh sin, chaidh Gutiérrez a dh'ainmeachadh na àrd sheanailear feachdan armachd na Stàitean Aonaichte Coloimbia. Aig deireadh 1863, chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe na Stàite Bhoyacá, agus an ath bhliadhna, ceann-suidhe na Stàite Chundinamarca cuideachd. Leasaich e na Colaistean dhe San Bartolomé agus Rosario agus steidhich e an Colaiste Lazareto de Agua de Dios. Thill e chun an t-Seanaidh ann an 1865 agus an uair sin chaidh e air turas dioplomasach dhan Roinn Eòrpa.

Leig esan Ceannas na Poblachd ann a 1870, nuair a thug an teirm aige gu ceann, agus dh'ainmich am Mòr-dhail Nàiseanta e na neach-ainmichte ùr. Chaochail e air an oighreachd aige, ris an canadh La Primavera, dlùth air Guaduas (Cundinamarca) an an 1872.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO

Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)