An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel María Mallarino"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
{| class="infobox bordered" style="width: 250px; border: 1px solid #ccd2d9; background: #f0f6fafont-size: 95%; float: right;" cellpadding="8" cellspacing="0"
|+ <big>'''Manuel Mariano Mallarino'''</big>
|-
| style="background:#efefef;" align="center" colspan="2" | [[File: Manuel María Mallarino.jpg|center|170px|ManuelMariano Mallarino]]
|-
| align="center" colspan="2" | Ceann-suidhe [[ Poblachd Ghranada Ùir]]
|-
! align="left" | '''Teirm na Dreuchd'''
| 1 dhen [[an Giblean|Ghiblean]] [[1855]] - 1 dhen [[an Giblean|Ghiblean]] [[1857]]
|-
! align="left" | '''Ro-Theachdaire:'''
| [[José de Obaldía]]
|-
! align="left" | '''Neach-Ionlaid:'''
| [[Mariano Ospina Rodríguez]]
|-
! align="left" | '''Ceann-Là Bhreithe'''
| 18mh [[an t-Ògmhios]] [[1808]]
|-
! align="left" | '''Àite Bhreithe:'''
| [[Cali]], [[Coloimbia]]
|-
! align="left" | '''Ceann-Là a Bhàis'''
| 6mh [[am Faoilleach]] [[1872]]
|-
! align="left" | '''Àite a Bhàis:'''
| [[Bogotá]], [[Cundinamarca (Roinn)|Cundinamarca]], [[Coloimbia]]
|-
! align="left" | '''Bean:'''
| María Mercedes Cabal
|-
! align="left" | '''Dreuchdan:'''
| fear-[[lagh|lagha]]
|-
! align="left" | '''Pàrtaidh:'''
| [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia]]
|-
! align="left" | '''Creideamh:'''
| [[Caitligeach]]
|}

B’ e '''Manuel María Mallarino Ibargüen''', a rugadh ann an [[Santiago de Cali]] 18 [[an t-Ògmhios]] [[1808]] agus a chaochail ann am [[Bogotá]] 6 [[am Faoilleach]], [[1872]]) fear-[[lagh]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]].<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> ‘S e ball [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàrtaidh Thòraidh]] a bh’ann, agus bha e na [[cinn-suidhe Choloimbia|cheann-suidhe]] na [[dùthaich|dùthcha]] eadar [[1855]] agus [[1857]].<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref><ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/ayudadetareas/poli/poli73.htm Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango]</ref>
B’ e '''Manuel María Mallarino Ibargüen''', a rugadh ann an [[Santiago de Cali]] 18 [[an t-Ògmhios]] [[1808]] agus a chaochail ann am [[Bogotá]] 6 [[am Faoilleach]], [[1872]]) fear-[[lagh]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]].<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> ‘S e ball [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàrtaidh Thòraidh]] a bh’ann, agus bha e na [[cinn-suidhe Choloimbia|cheann-suidhe]] na [[dùthaich|dùthcha]] eadar [[1855]] agus [[1857]].<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref><ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/ayudadetareas/poli/poli73.htm Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango]</ref>



Mùthadh on 14:00, 16 dhen Ghearran 2010

B’ e Manuel María Mallarino Ibargüen, a rugadh ann an Santiago de Cali 18 an t-Ògmhios 1808 agus a chaochail ann am Bogotá 6 am Faoilleach, 1872) fear-lagh agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] ‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857.[2][3]


Beatha

Phòs e María Mercedes Cabal, nighean Víctor Cabal, uachdaran-fearainn neartmhor à Buga, agus seann phròbhaist Cali. ‘S e esan an duine a reic ann oighreachd “El Paraiso” gu Jorge Enrique Isaacs, athair a’ bhàird, Jorge Isaacs. Steidhich e an leabhair ainmeil aige “María” air María Mercedes Cabal fhèin.

An dèidh a leanabachd a chur seachad ann an Cali, chaidh e gu Popayán airson a chuid fhoghlaim àrd-ìre fhaighinn agus cùrsa ann an lagh a dheànamh aig Oilthigh a’ Chauca, far an tug e ceum ann an lagh ann an 1831. An uair sin thoisich e a bhith an sàs ann an saoghal poiliteagach na roinne, ri taobh nan Tòraidh a bhios nam ministearan anns na làithean ri teachd, is fiù’s fhuair e àite ann an Seòmar nan Riochdairean ann an 1836. An dèidh sin fhuaireadh e àite anns an t-Seanaidh cuideachd a bharrachd air a bhith na Riaghladair anns na roinnean dhe Popayán agus Buenaventura. Fhuair e deagh dhuais airson a chuid obrach mhath a rinneadh e mar cheannard roinneil am Pàrtaidh Tòraidh ùr bhon a’ cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera, a dh’ainmich e Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1846, dreuchd a chumadh e gu ruige 1848. Cho-dhùin Mallarino an dùthaich fhàgail nuair an tug na Libearalaich an Riaghaltas os làimhe ann an 1849, is e na thàmh ann am Lima, Pearu; thill e chun na dùthcha aige ann an 1854, airson taic thoirt dhan cho-bhann dà-phàirtidh a bha airson a chur às dhan dheachdaire José María Melo.

Ceann-suidhe na Dùthcha

Nuair a chaidh an t-òrdugh laghail air ais leis an leas-ceann-suidhe José de Obaldía os a chionn, oir gun do chuir iad às dhan cheann-suidhe José María Obando, b’ fheudar dhan Chòmhdhail leas-ceann-suidhe ùr a thaghadh airson an teirm dhe dà bhliadhna eadar 1855 agus 1857. Chaidh an t-seann sheansalair Mallarino a mholadh mar thagraiche an Aonaidh nàiseanta agus thug e an dreuchd os làimhe 1 dhen Ghiblean 1855. An aon latha b’ fheudar dha Mallarino dreuchd a’ chinn-suidhe a thoir os làimhe cuideachd, oir cho-dhùin an Còmhdhail gu robh Obaldía fhèin bu choireach airson Obando a thoirt a-mach agus chuir iad dheth e. Le sin, b’ fheudar dhuibh neach-ainmichte a lorg, is chaidh an Seanalair Joaquín París Ricaurte, fear dhen fheadhainn am broinn an Airm a chuir às do Mhelo, a mholdadh airson an dreuchd. Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais bha caibineit dà-phàirtidh aige, leth chuid Libearalaich, leth chuid Tòraidhean. Le sin, thachair rud gu math anabarrach dhàsan: fhuair e taic bho gach uile buidheann ann an saoghal poiliteagach na dùthcha, fiù’s lùghdaich e an Arm gu na bu lugha na 400 saighdearan.

Tha e inntinneach gu do thoisich pròiseas feadaralachadh na dùthcha fo Riaghaltas aig Mallarion. Chaidh na stàitean Panama agus Antioquia a chruthachadh agus bha pròiseas cruthachadh na Stàitean Boyacá, Cauca, Cundinamarca, Magdalena, Bolívar agus Santander air dòigh.

An Dèidh a’ Chinneas

An dèidh an dreuchd sin fhàgail, bha e an sàs gu h-àraidh anns na meadhanan agus anns an fhoghlam, ged an d’fhuair e turas eile na Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1861 agus dh’fheuch e ris a’ cheannas fhaighinn a-rithist ann an 1872. Sa bhliadhna sin, bha e am measg an fheadhainn a steidhich Acadamaidh Coloimbianach a’ Chànain.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango