An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tunja"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 62: Loidhne 62:
Tha fear dhe na ceithir oilthighean nàiseanta na dùthcha nan làthair ann an En Tunja, is e an Oilthigh Teasgasag agus Teicneòlas Choloimbia (Spàinntis:Universidad Pedagógica y Tecnológica de Colombia), a steidhich an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Seo liosta an fheadhainn eile:
Tha fear dhe na ceithir oilthighean nàiseanta na dùthcha nan làthair ann an En Tunja, is e an Oilthigh Teasgasag agus Teicneòlas Choloimbia (Spàinntis:Universidad Pedagógica y Tecnológica de Colombia), a steidhich an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Seo liosta an fheadhainn eile:


* Universidad Santo Tomás
* Oilthigh an Naoimh Thòmais (Universidad Santo Tomás)
* Corporación Universitaria Remington
* Companaidh an Oilthigh Remington (Corporación Universitaria Remington)
* Universidad Antonio Nariño
* Oilthigh Antonio Nariño (Universidad Antonio Nariño)
* Universidad Externado de Colombia
* Oilthigh Coloimbia air Astar (Universidad Externado de Colombia)
* Fundación Universitaria Juan de Castellanos
* Urras an Oilthigh Juan de Castellanos (Fundación Universitaria Juan de Castellanos)
* Universidad de Boyacá
* Oilthigh Bhoyacá (Universidad de Boyacá)
* Universidad Pontificia Bolivariana de Colombia
* Oilthigh Pàpanach Bolivarianach Choloimbia (Universidad Pontificia Bolivariana de Colombia)
* Universidad Javeriana de Colombia
* Oilthigh Javerianach Choloimbia (Universidad Javeriana de Colombia)
* Instituto Universitario de la Música y las Artes
* Institiùd Oilthigh a' Chiùil agua an Ealainne (Instituto Universitario de la Música y las Artes)
* Escuela Superior de Administración Pública E.S.A.P.
* Sgoil Riaghlaidh Poblach(Escuela Superior de Administración Pública E.S.A.P.)


==Gallaraidh==
==Gallaraidh==

Mùthadh on 13:35, 13 dhen Fhaoilleach 2010

Tunja
Faidhle:Flag of Tunja.png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Ceàrn Boyacá
Co-chomharran 05° 32' Tuath
73° 22' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 118 km²
Àireamh-shluaigh 168,079 (2005)
Dlùths 1,424.4/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Thunja

‘S e baile meadhananch ann an Coloimbia, agus prìomh-bhaile na roinne Boyacá, a th’ann Tunja.[1] Tha e suidhichte ann an iar-mheadhan na dùthcha anns an sgìre ris an canar Alto (Àrd) Chicamocha. Tha farsaingeachd dhe 118 km² aige, 87% dhuibh air an dùthaich agus 13% anns a’ bhaile fhèin. Tha meadhan a’ bhaile Tunja suidhichte aig 2,775m os cionn ìre na mara, ach tha an t-àite as àirde am broinn crìochan a’ bhaile aig 3,200m os cionn ìre na mara, ri taobh Cucaita. Tha an t-àite as ìsle suidhichte aig 2,400m os cionn ìre na mara, ri thaobh Moniquirá.

Tha crìochan aige leis na bailtean beaga dhe Motavita agus Cómbita air an ceann a tuath, le Oicatá, Chivatá agus Soracá air an àirde an ear, le Boyacá, Ventaquemada agus Samacá air an ceann a deas, agus mu dheireadh thall le Samacá, Sora agus Cucaita air an àirde an iar. Chaidh e a steidheachadh leis na Spàinntich 6mh an Lùnasdal 1539.

‘S e sgìre fo riaghladh sònraiche a bh’ann, ro Bhun-Reachd 1991.

Ainm an àite

‘S ann às a’ chànan tùsanach Hunza a thàinig ainm a’ bhaile, a tha a’ ciallachadh "Fireannach Faiceallach". Cha robh an t-ainm Santiago de Tunja air a-riamh, ged a tha feadhainn ga chreidsinn co-dhiù. Tha troimh-chèile ann taobh an ainm air sàilleabh an dòigh mar a rinneadh parraistean a’ bhaile: Parraiste Mhoire an Seachnda (Spàinntis: Señora de las Nieves) mu thuath; Naomh Barabail (Spàinntis Santa Bárbara) mu dheas, agus Naomh Seamus à Tunja (Spàinntis: Santiago de Tunja) dìreach ann am meadhan a’ bhaile. ‘S e Naomh Seamus an Abstol, Sàr Naomh na Spàinne, a th’ ann Sàr Naomh a’ bhaile is tha an t-ainm aige air a’ Chathair-eaglais cuideachd. Le sin ‘s e Parraiste na Cathaire-Eaglais aig Naomh Seamus an t-Abstol a tha air a’ pharraiste, ach chan air a’ bhaile.

Tha freumhan muisca an ainm Tunja ceangailte cuideachd ri fear dhe na cinn-fheadhna (Spàinntis: cacique) na b’ainmeil a bh’ ann: Hunzahua. Mar sin, nuair a steidhich Gonzalo Suárez Rendón am baile, thug e Tunja air, mar a mhìnich na sgrìobhainnean dhen 6mh an Lùnasdal 1539. Dearbhaidh sgrìobhainnean rìoghal an t-ainm sin nuair chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhaile, 29mh am Màrt 1541, is chuir Teàrlach V ainm dhà:

...tha sinn ag iarraidh agus ag òrdachadh gur e Baile Mòr Tunja an tiotal a bhios air a’ bhaile siud bhon latha an-diugh agus gum bith gach uile còir, dìonachd agus sochair aige mar bhaile mòr.

Eachdraidh

Tuasgladh a’ Bhaile

Dh’ fhàg an ceannsaiche Gonzalo Jiménez de Quesada am baile Santa Marta anns a’ Ghiblean 1536, is thog e airsan mu dheas. Bha e ag amas air El Dorado a lorg is a chur an greim.

An ceann mòran mhìos air an rathad, choinnich e na rìoghachdan beaga a bha fo bhuaidh an Zipa, is mhothaich e nach robh na bailtean sin air an tìr àrd eadar Cundinamarca agus Boyacá cho inntineach dhàsan fhèin. Fhad ‘s a bha e a’ lorg El Dorado fhuair e naidheachdan mu dheidhinn smàragan ann an Somondoco, a bharrachd air teachdaireachd neo dhà mu dheidhinn a’ chinn-chrìche aige anns an tìr ìosal rèidh oithireach (Spàinntis: Los Llanos Orientales). Ràinig Jiménez de Quesada Turmequé 2 an t-Òg-mhios 1537, a bha fo bhuaidh an Zaque. B’ fheudar dhàsan buaidh a thoirt air na Muiscas (gun chudthrom, na bheachdsa), air sgàth gun do dh’ fhàilig iomairtean airson a dhol a-mach dha na tìrean ìosal tro thaobh an ear agus taobh an ear-thuath na tìrean àrda.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-Cheagailte

Oilthighean

Tha fear dhe na ceithir oilthighean nàiseanta na dùthcha nan làthair ann an En Tunja, is e an Oilthigh Teasgasag agus Teicneòlas Choloimbia (Spàinntis:Universidad Pedagógica y Tecnológica de Colombia), a steidhich an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Seo liosta an fheadhainn eile:

  • Oilthigh an Naoimh Thòmais (Universidad Santo Tomás)
  • Companaidh an Oilthigh Remington (Corporación Universitaria Remington)
  • Oilthigh Antonio Nariño (Universidad Antonio Nariño)
  • Oilthigh Coloimbia air Astar (Universidad Externado de Colombia)
  • Urras an Oilthigh Juan de Castellanos (Fundación Universitaria Juan de Castellanos)
  • Oilthigh Bhoyacá (Universidad de Boyacá)
  • Oilthigh Pàpanach Bolivarianach Choloimbia (Universidad Pontificia Bolivariana de Colombia)
  • Oilthigh Javerianach Choloimbia (Universidad Javeriana de Colombia)
  • Institiùd Oilthigh a' Chiùil agua an Ealainne (Instituto Universitario de la Música y las Artes)
  • Sgoil Riaghlaidh Poblach(Escuela Superior de Administración Pública E.S.A.P.)

Gallaraidh

Spòrs

Sealladh air a' phàirc o shean.

Tha dà sgioba proifeiseanta ball-coise anns a' bhaile. Cluichidh Boyacá Chicó anns a' phrìomh lìog agus cluichidh Patriotas Fútbol Club anns an lìog B. Compàirtichidh an dà sgioba an aon phàirc, Pàirc an Neo-Eiseimeileachd (Spàinntis:Estadio de La Independencia), suidhichte ris an taobh thuath a' bhaile.

'S e fear dhe na làraich oilimpeagach nas fheàrr na dùthcha a th'anns a' phàirc sin, leis gun do deach na goiresan aige a leasachadh airson a' cho-fharpais Libertadores ann an 2009: chaidh piseach a chur air an uiread dha luchd-leantainn gu 20,630, is a h-uile càil fo mhion-chomharrachadh na FIFA.[2]

Chuir am baile air dòigh an co-fharpais Sudamericano de Futsal Sub-20 ann an 2008. 'S e farpais fo 20 bliadhna aig ìre Aimearaga a Deas a bh'ann, is bhuannaich Braisil. Cha d'fhuair Coloimbia ach an ceathramh àite.

Iomraidhean

  1. http://www.lablaa.org/blaavirtual/revistas/credencial/septiembre2009/tunja.htm
  2. Conmebol avaló el estadio La Independencia de Tunja, El Espectador, 6 am Màrt 2009.