An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tunja"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 28: Loidhne 28:


Tha freumhan muisca an ainm Tunja ceangailte cuideachd ri fear dhe na cinn-fheadhna (Spàinntis: cacique) na b’ainmeil a bh’ ann: Hunzahua. Mar sin, nuair a steidhich Gonzalo Suárez Rendón am baile, thug e Tunja air, mar a mhìnich na sgrìobhainnean dhen 6mh [[an Lùnasdal]] [[1539]]. Dearbhaidh sgrìobhainnean rìoghal an t-ainm sin nuair chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhaile, 29mh [[am Màrt]] [[1541]], is chuir [[Teàrlach V]] ainm dhà:
Tha freumhan muisca an ainm Tunja ceangailte cuideachd ri fear dhe na cinn-fheadhna (Spàinntis: cacique) na b’ainmeil a bh’ ann: Hunzahua. Mar sin, nuair a steidhich Gonzalo Suárez Rendón am baile, thug e Tunja air, mar a mhìnich na sgrìobhainnean dhen 6mh [[an Lùnasdal]] [[1539]]. Dearbhaidh sgrìobhainnean rìoghal an t-ainm sin nuair chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhaile, 29mh [[am Màrt]] [[1541]], is chuir [[Teàrlach V]] ainm dhà:

''...tha sinn ag iarraidh agus ag òrdachadh gur e Baile Mòr Tunja an tiotal a bhios air a’ bhaile siud bhon latha an-diugh agus gum bith gach uile còir, dìonachd agus sochair aige mar bhaile mòr.''


== Eachdraidh ==
== Eachdraidh ==

Mùthadh on 14:26, 12 dhen Fhaoilleach 2010

Tunja
Faidhle:Flag of Tunja.png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Ceàrn Boyacá
Co-chomharran 05° 32' Tuath
73° 22' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 118 km²
Àireamh-shluaigh 168,079 (2005)
Dlùths 1,424.4/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Thunja

‘S e baile meadhananch ann an Coloimbia, agus prìomh-bhaile na roinne Boyacá, a th’ann Tunja.[1] Tha e suidhichte ann an iar-mheadhan na dùthcha anns an sgìre ris an canar Alto (Àrd) Chicamocha. Tha farsaingeachd dhe 118 km² aige, 87% dhuibh air an dùthaich agus 13% anns a’ bhaile fhèin. Tha meadhan a’ bhaile Tunja suidhichte aig 2,775m os cionn ìre na mara, ach tha an t-àite as àirde am broinn crìochan a’ bhaile aig 3,200m os cionn ìre na mara, ri taobh Cucaita. Tha an t-àite as ìsle suidhichte aig 2,400m os cionn ìre na mara, ri thaobh Moniquirá.

Tha crìochan aige leis na bailtean beaga dhe Motavita agus Cómbita air an ceann a tuath, le Oicatá, Chivatá agus Soracá air an àirde an ear, le Boyacá, Ventaquemada agus Samacá air an ceann a deas, agus mu dheireadh thall le Samacá, Sora agus Cucaita air an àirde an iar. Chaidh e a steidheachadh leis na Spàinntich 6mh an Lùnasdal 1539.

‘S e sgìre fo riaghladh sònraiche a bh’ann, ro Bhun-Reachd 1991.

Ainm an àite

‘S ann às a’ chànan tùsanach Hunza a thàinig ainm a’ bhaile, a tha a’ ciallachadh "Fireannach Faiceallach". Cha robh an t-ainm Santiago de Tunja air a-riamh, ged a tha feadhainn ga chreidsinn co-dhiù. Tha troimh-chèile ann taobh an ainm air sàilleabh an dòigh mar a rinneadh parraistean a’ bhaile: Parraiste Mhoire an Seachnda (Spàinntis: Señora de las Nieves) mu thuath; Naomh Barabail (Spàinntis Santa Bárbara) mu dheas, agus Naomh Seamus à Tunja (Spàinntis: Santiago de Tunja) dìreach ann am meadhan a’ bhaile. ‘S e Naomh Seamus an Abstol, Sàr Naomh na Spàinne, a th’ ann Sàr Naomh a’ bhaile is tha an t-ainm aige air a’ Chathair-eaglais cuideachd. Le sin ‘s e Parraiste na Cathaire-Eaglais aig Naomh Seamus an t-Abstol a tha air a’ pharraiste, ach chan air a’ bhaile.

Tha freumhan muisca an ainm Tunja ceangailte cuideachd ri fear dhe na cinn-fheadhna (Spàinntis: cacique) na b’ainmeil a bh’ ann: Hunzahua. Mar sin, nuair a steidhich Gonzalo Suárez Rendón am baile, thug e Tunja air, mar a mhìnich na sgrìobhainnean dhen 6mh an Lùnasdal 1539. Dearbhaidh sgrìobhainnean rìoghal an t-ainm sin nuair chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhaile, 29mh am Màrt 1541, is chuir Teàrlach V ainm dhà:

...tha sinn ag iarraidh agus ag òrdachadh gur e Baile Mòr Tunja an tiotal a bhios air a’ bhaile siud bhon latha an-diugh agus gum bith gach uile còir, dìonachd agus sochair aige mar bhaile mòr.

Eachdraidh

Tuasgladh a’ Bhaile

Dh’ fhàg an ceannsaiche Gonzalo Jiménez de Quesada am baile Santa Marta anns a’ Ghiblean 1536, is thog e airsan mu dheas. Bha e ag amas air El Dorado a lorg is a chur an greim.

Bailtean Co-Cheagailte

Iomraidhean

  1. http://www.lablaa.org/blaavirtual/revistas/credencial/septiembre2009/tunja.htm