An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh II, Rìgh Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 33: Loidhne 33:


Chaochail [[Raibeart Brus|Raibeart]], athair Dhaibhidh, san Ògmhios [[1329]] agus gun a làimh cinnteach air an stiùir, thugadh ceum air ais ann an Alba. [[Ghabh Eideard Balliol]], mac le [[Iain Balliol]], bràth air an t-suidheachadh seo le cuideachadh bho arm Sasannach agus shoirbhich leis aig [[Blàr Dhupplin]] ([[1332]]). Chaidh Balliol a chrùnadh na Rìgh Alba, mas fhìor, ann am [[Peairt]] ach chaidh a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich goirid às dèidh sin.
Chaochail [[Raibeart Brus|Raibeart]], athair Dhaibhidh, san Ògmhios [[1329]] agus gun a làimh cinnteach air an stiùir, thugadh ceum air ais ann an Alba. [[Ghabh Eideard Balliol]], mac le [[Iain Balliol]], bràth air an t-suidheachadh seo le cuideachadh bho arm Sasannach agus shoirbhich leis aig [[Blàr Dhupplin]] ([[1332]]). Chaidh Balliol a chrùnadh na Rìgh Alba, mas fhìor, ann am [[Peairt]] ach chaidh a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich goirid às dèidh sin.

Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh [[Eideard III Shasainn]], a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig [[Blàr Halidon|Halidon]], faisg air [[Bearaig]], ann an [[1333]], agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan [[an Fhraing|Fhraing]] gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip VI.


[[File:Filip6 David2 Joan of the Tower.jpg|thumb|left|200px|Daibhidh agus a bhean Joan ann an cùirt Philip VI na Frainge (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]
[[File:Filip6 David2 Joan of the Tower.jpg|thumb|left|200px|Daibhidh agus a bhean Joan ann an cùirt Philip VI na Frainge (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]


Ann an [[1341]],bha e sàbhailte dha tilleadh a dh'Alba agus cha b'fhada gus an do ghabh e smachd air an dùthaich air fad. Ach ann an [[1346]], bha na Sasannaich a' bagairt ionnsaigh a thoirt air an Fhraing agus dh'iarr Philip VI cuideachadh air Alba. Ann an spiorad an t-seann caidreachais eadar Alba san Fhraing, chaidh Daibhidh agus arm mòr Alba thairis air an Abhainn [[Tuaidh]] san Dàmhair ach thugadh buaidh orra le Sasannaich a' chinn a-tuath aig cath aibhiseach [[:en:Battle of Nevilles Cross|Crois Neville]] air taobh a-muigh baile [[Durham]]. Ged a shabaid Daibhidh e fhèin gu treun, chaidh a thoirt am brùid agus bhiodh e na phrìosanach ann an Sasainn airson aon bliadhna deug.
Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh [[Eideard III Shasainn]], a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig [[Blàr Halidon|Halidon]], faisg air [[Bearaig]], ann an [[1333]], agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan [[an Fhraing|Fhraing]] gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip VI.
<br>Ann an [[1341]], bha e sàbhailte dha tilleadh a dh'Alba agus cha b'fhada gus an do ghabh e smachd air an dùthaich air fad. Ach ann an [[1346]], bha na Sasannaich a' bagairt ionnsaigh a thoirt air an Fhraing agus dh'iarr Philip VI cuideachadh air Alba. Ann an spiorad an t-seann caidreachais eadar Alba san Fhraing, chaidh Daibhidh agus arm mòr Alba thairis air an Abhainn [[Tuaidh]] san Dàmhair ach thugadh buaidh orra le Sasannaich a' chinn a-tuath aig cath aibhiseach [[:en:Battle of Nevilles Cross|Crois Neville]] air taobh a-muigh baile [[Durham]]. Ged a shabaid Daibhidh e fhèin gu treun, chaidh a thoirt am brùid agus bhiodh e na phrìosanach ann an Sasainn airson aon bliadhna deug.




<br>[[File:Nevilles Cross.jpg|thumb|left|400px|Blàr ''Neville's Cross'', 1346 (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]
<br>[[File:Nevilles Cross.jpg|thumb|left|400px|Blàr ''Neville's Cross'', 17 an Dàmhair 1346 (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]


[[Category:Rìghrean]]
[[Category:Rìghrean]]

Mùthadh on 01:11, 12 dhen Dùbhlachd 2009

Daibhidh II, Rìgh Alba
Rìgh Daibhidh aig Neville's Cross
Rìoghaich e: 7 an t-Ògmhios 1329 – 22 an Gearran 1371
A' leantainn: Raibeart I
Sliochd Cha robh duine cloinne aige
Oighre Raibeart II (mac a leth-pheathar)
Cèile-pòsda (1) Joan, Bana-phrionnsa Shassainn

(2) Mairead Drummond

Taigh Rìoghail Na Brusaich
Athair Raibeart I
Màthair Ealasaid de Burgh
Rugadh e: 5 am Màrt 1324, Dùn Phàrlain, Alba
Eug: 22 an Gearran 1371, Caisteal Dhùn Èideann (aois 46)
Àite-tiodhlacaidh: Abaid Taigh an Ròid, Dùn Èideann

Rinn Alba gàirdeachas mòr nuair a rugadh Daibhidh sa Mhàrt, 1324. Ged a bha an rìgh mòr Raibeart cha mhòr lethcheud bliadhna dh'aois, agus a bhean Ealasaid de Burgh mu chòig bliadhna deug thar fhichead, bha a-nise oighre fireann aige mu dheireadh thall, rud a bha a' gealltainn sonas is seasmhachd dhan dùthaich agus do sliochd nam Brusach.

Thathas ag ràdh gun deach an leanabh ainmeachadh airson Rìgh Daibhidh I Alba, fear dhen a' chiad rìghrean a thug Alba fo smachd agus a thug a-mach buaidh, agus rìgh san robh Raibeart a' cur sùim nach beag.

Ann an 1328, rinn Alba is Sasainn Còrdadh Northampton eadarra, aontachadh-sithe a thug cogaidhean neo-eisimeileachd Alba gu crìche. Chaidh aontachadh le na riochdairean Albannach is Sasannach gun rachadh am prionnsa Daibhidh pòsadh ris a' bhana-phrionnsa Shasannach Joan an Dùin, nighean Eideird II Shasainn agus phòs iad nuair nach robh Daibhidh ach ceithir bliadhna a dh'aois.

Chaochail Raibeart, athair Dhaibhidh, san Ògmhios 1329 agus gun a làimh cinnteach air an stiùir, thugadh ceum air ais ann an Alba. Ghabh Eideard Balliol, mac le Iain Balliol, bràth air an t-suidheachadh seo le cuideachadh bho arm Sasannach agus shoirbhich leis aig Blàr Dhupplin (1332). Chaidh Balliol a chrùnadh na Rìgh Alba, mas fhìor, ann am Peairt ach chaidh a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich goirid às dèidh sin.

Daibhidh agus a bhean Joan ann an cùirt Philip VI na Frainge (Chronicle aig Jean Froissart)

Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh Eideard III Shasainn, a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig Halidon, faisg air Bearaig, ann an 1333, agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan Fhraing gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip VI.


Ann an 1341, bha e sàbhailte dha tilleadh a dh'Alba agus cha b'fhada gus an do ghabh e smachd air an dùthaich air fad. Ach ann an 1346, bha na Sasannaich a' bagairt ionnsaigh a thoirt air an Fhraing agus dh'iarr Philip VI cuideachadh air Alba. Ann an spiorad an t-seann caidreachais eadar Alba san Fhraing, chaidh Daibhidh agus arm mòr Alba thairis air an Abhainn Tuaidh san Dàmhair ach thugadh buaidh orra le Sasannaich a' chinn a-tuath aig cath aibhiseach Crois Neville air taobh a-muigh baile Durham. Ged a shabaid Daibhidh e fhèin gu treun, chaidh a thoirt am brùid agus bhiodh e na phrìosanach ann an Sasainn airson aon bliadhna deug.



Blàr Neville's Cross, 17 an Dàmhair 1346 (Chronicle aig Jean Froissart)