An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seumas I, Rìgh na h-Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
teacsa
bNo edit summary
Loidhne 27: Loidhne 27:

Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, [[Raibeart III, Rìgh Alba|Raibeart III]], a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tanaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu [[1420]], nuair a phàigh na h-Albannaich an eirig a chaidh iarraidh orra.
Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, [[Raibeart III, Rìgh Alba|Raibeart III]], a-null dhan [[an Fhraing|Fhraing]] e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tanaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu [[1420]], nuair a phàigh na h-Albannaich an eirig a chaidh iarraidh orra.

Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri [[Joan Beaufort]], co-ogha [[Rìgh Eanraig VI]] Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.

Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri [[Joan Beaufort]], co-ogha [[Rìgh Eanraig VI]] Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.

Mùthadh on 23:28, 24 dhen t-Samhain 2009

Seumas I, Rìgh Alba
Seumas I, air a pheantadh
san 16mh linn
Rìoghaich e: 4 an Giblean 1406
21 an Gearran 1437
A' leantainn: Raibeart III
Sliochd Mairead, Iseabal, Eleanor, Màiri, Seonag;
Alasdair, Diùc Rothesay (a chaochail òg);
Seumas
Oighre Seumas II
Cèile-pòsda Joan Beaufort
Taigh Rìoghail Na Stiùbhartaich
Athair Raibeart III
Màthair Anabella Dhruimeanach
Rugadh e: 10 an Dubhlachd 1394,
Luchairt Dhùn Phàrlain
Eug: 21 an Gearran 1437 (aois 42)
Àite-tiodhlacaidh: Peairt

Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, Raibeart III, a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tanaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu 1420, nuair a phàigh na h-Albannaich an eirig a chaidh iarraidh orra.

Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri Joan Beaufort, co-ogha Rìgh Eanraig VI Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.

Cho luath agus a thill e dh'Alba, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e Pàrlamaid na h-Alba a rèir eisempleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd.

Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na Greumaich ann am manachainn Pheairt air an 21mh latha dhen a' Ghearran, 1437, ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.