An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eliseo Payán"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 20: Loidhne 20:
Chaidh e bho [[Popayán|Phopayán]], prìomh-bhaile a’ cheàrna, gu Quibdó is esan anns an dreuchd sin [[1871]] gu ruige [[1876]].
Chaidh e bho [[Popayán|Phopayán]], prìomh-bhaile a’ cheàrna, gu Quibdó is esan anns an dreuchd sin [[1871]] gu ruige [[1876]].


Bha an Seanalair Payán an sàs anns a’ chogadh sìobhalta dhe [[1876]] gus an Ceann-Suidhe [[Aquileo Parra Gómez]] a dhìon, ach cha do shabaid e ach an dèidh a bhuannaich na Libearalaich aig Blàr Los Chancos, air sgàth gu robh e na phrìosanach na Feachdan Tòraidh. Chuir an Seanalair [[Julián Trujillo]], ceannard airm a’ Chauca, esan os cionn bhuidhne-chatha; agus shabaid e an aghaidh Feachdan Tòraidh na h-Antioquia agus bhuannaich e aig Blàr Batero.
Bha an Seanalair Payán an sàs anns a’ chogadh sìobhalta dhe [[1876]] gus an Ceann-Suidhe [[Aquileo Parra Gómez]] a dhìon, ach cha do shabaid e ach an dèidh a bhuannaich na Libearalaich aig Blàr Los Chancos, air sgàth gu robh e na phrìosanach na Feachdan Tòraidh. Chuir an Seanalair [[Julián Trujillo Largacha]], ceannard airm a’ Chauca, esan os cionn bhuidhne-chatha; agus shabaid e an aghaidh Feachdan Tòraidh na h-Antioquia agus bhuannaich e aig Blàr Batero.
Ann an [[1879]] chuir e airm air dòigh airson Riaghladair a’ Chauca, air a bheil Garcés, a chur às a’ chathair, agus thug e an t-ùghdarras sìobhalta dha [[Ezequiel Hurtado]], is esan ga thaghadh Ceann-Suidhe Stàit A’ Chauca.
Ann an [[1879]] chuir e airm air dòigh airson Riaghladair a’ Chauca, air a bheil Garcés, a chur às a’ chathair, agus thug e an t-ùghdarras sìobhalta dha [[Ezequiel Hurtado]], is esan ga thaghadh Ceann-Suidhe Stàit A’ Chauca.



Mùthadh on 07:50, 5 dhen Dàmhair 2009

Eliseo Payán na cheann-suidhe

B’ e Eliseo Payán (1825-1895) stàitire, fear-lagh, saighdear agus fear-poileataigs Coloimbianach[1], a bha na Cheann-Shuidhe na dùthcha eadar Am Faoilleach agus An t-Ògmhìos 1887. Fhad’s a bhe e na cheann-suidhe rinn e dlùthachaidhean dha na libearalaich anabarrach agus a bharrachd air sin bha cliù aige airson na h-obrach phoileatagach a rinn e ann am Buga agus anns a’ Chauca[2].

Beatha

Fhuair Eliseo Payán Hurtado a chuid fhoghlaim anns an Sgoil Santa Libarda ann an Cali. An dèidh sin fhuair e ceum anns a Lagh. Bha e na fhear-lagha ann am Buga, far an robh e an sàs anns a’ mhalairt, an t-siostam ceartais agus bha dreuchdan aige san riaghaltas iondail. stèidhich e An Sociedad Democrática Bugueña (Comann Deamocratach a’ Bhuga) agus y redactó am pàipear-naidheachd "El Sentimiento Democrático" ann an Cali, ann an co-bhonn còmhla ri Manuel Antonio Scarpetta y Ramón.

Toiseach na h-Obrach Phoileatagach

Thoisich an t-slighe aige chun a’ phoileataigs ann an Cámara Provincial a’ Chauca, far an do dh’fhàs e ainmeil air sàilleabh na cainntearachd spaideil aige. Bha e anns a’ Mhòr-Dhàil Nàiseanta mar bhall airson a’ Chauca, eadar 1854 agus 1855. Ann an 1854 thug e pàirt anns a’ chòmhstri an aghaidh an Seanalair José María Melo, a bha na dheachdaire, agus bha e gu math seann-chrìonta anns an airm ma-thà, leis gun tug e pàirt ann an Cogadh na Supremos ann an 1840, is e na shaighdear fon Sheanalair José María Obando, an aghaidh Riaghaltas a’ Chinn-Shuidhe José Ignacio de Márquez.

Riaghladair a’ Cauca

Bha Payán an sàs anns a’ chogadh sìobhalta dhe 1860 mar sheanalair, is esan dìreach ri taobh a’Chinn-Suidhe Tomás Cipriano de Mósquera, à Cauca cuideachd, an aghaidh a’ Chinn-Suidhe taghte, an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez. Aig deireadh a’ chogaidh, dh’ainmich Mosquera e mar Riaghaladair a’ Cheàra Bhuga, agus an ceann bliadhna a-mhàin ràinig e Riaghaltas na stàite a bu motha agus a bu bheairte na dùthcha: Cauca. Chaidh e bho Phopayán, prìomh-bhaile a’ cheàrna, gu Quibdó is esan anns an dreuchd sin 1871 gu ruige 1876.

Bha an Seanalair Payán an sàs anns a’ chogadh sìobhalta dhe 1876 gus an Ceann-Suidhe Aquileo Parra Gómez a dhìon, ach cha do shabaid e ach an dèidh a bhuannaich na Libearalaich aig Blàr Los Chancos, air sgàth gu robh e na phrìosanach na Feachdan Tòraidh. Chuir an Seanalair Julián Trujillo Largacha, ceannard airm a’ Chauca, esan os cionn bhuidhne-chatha; agus shabaid e an aghaidh Feachdan Tòraidh na h-Antioquia agus bhuannaich e aig Blàr Batero. Ann an 1879 chuir e airm air dòigh airson Riaghladair a’ Chauca, air a bheil Garcés, a chur às a’ chathair, agus thug e an t-ùghdarras sìobhalta dha Ezequiel Hurtado, is esan ga thaghadh Ceann-Suidhe Stàit A’ Chauca.

Leas Ceann-Suidhe

20mh an Lunasdal 1881 fhuair e an rang armailte na b’àirde a bh’ann, Àrd-Seanalair; agus anns an aon bhliadhna bha e na thagraiche airson a bhith Ceann-Suidhe na Stàitean Aonaichte Choloimbia; ach leig e dheth e airson Francisco Javier Zaldua a bhrosnachadh. Bha atharrachaidhean beachd leantainneach eadar Payán agus na Anabarraich, rè na deichead na 80an, thug e pàirt ann an Gluasad An Ath-Bheòthachaidh agus thug e taic dha Núñez. bho 1882 gu 1884 is esan na Ministear a’ Chogaidh. Fhuair e cliù airson an Ath-Bheòthachadh a dhìon fad an darna Riaghaltas aig a’ Cheann-Suidhe Núñez, ann an 1884-1886: dhìon e an Riaghaltas anns an Ar-a-mach anabarrach dhe 1885, agus chuir e ruaig air na Feachan Anabarrach aig Cath Santa Bárbara de Cartago. Na bheachd Rafael Núñez, ‘s e a phrìomh caidreabhach armarchd an aghaidh na Anabarraich; agus le sin, deagh fhear-dhìon Gluasad an Ath-Bheòthachaidh. Dh’ainmich Comhairle nam Ball e na Leas Ceann-Shuidhe na Poblachd ann an 1886, is iad ann an cruinneachadh airson Bun-Reachd Phoiliteagach 1886 a ghabhail ris.

Ceann-Suidhe na Dùthcha

Mar a bha e air a thaghadh mar Riaghladair a’ Chauca cuideachd, b’fheudar dhasan an dreuchd sin fhàgail airson obair Ceann-Suidhe na Poblachd a dheànamh, leis nach b’urrainn dhan Cheann-Suidhe taghte Rafael Núñez an gnothach a dheànamh cho cho tinn ‘s a bha e. Bha e na cheann-suidhe bhon a’ Fhaoillteach gu ruige an t-Ògmhìos 1887, agus a-rithist bhon a’ Dhùbhlachd gu ruige 8mh an Gearran 1888, nuair a shuidhe Núñez sa Chathair a-rithist. An ceann greiseag bheag na cheann-shuidhe, rinn e èigheachd a thug saoranas gu lèir dha na meadhannan ann an Coloimbia, agus fhuir e dubh-chàineadh air a sgàth. Chaidh Eliseo Payán a chur às a’ chathair air sàilleabh na comhraidhean a fhuair e leis na Libearalaich ananbarrach.

Dìleab

Randanaich An Comhairle an Leas-Ceann-Suidheas, is iad a’ beachdachadh gu robh e dìreach an aghaidh dòighean poiliteagach Ath-Bheòthachadh na Dùthcha. Rè na bliadhnachan siud, ‘s e payanización" (payanachadh) a t-ainm a bha air gach uile rud a dheànadh an leas-cheann-shuidhe an aghaidh polasaidhean a’ chinn-suidhe fhèin. Chaidh Eliseo Payán a chur a-mach às a’ phrìomh-bhaile; Bha e na thàmh ann am Medellín agus, mu dheireadh thall, bhe e a’ fuireach air an oighearachd aige ann an San Pedro ann am Buga. Phòs e Carmen Ospina Lenis, agus bha còignear mic aca[3].

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: