An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan de Dios Aranzazu"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[File:Juan de Dios Aranzazu 1.jpg|thumb|right|Juan de Dios Aranzazu]]
[[File:Juan de Dios Aranzazu 1.jpg|thumb|right|Juan de Dios Aranzazu]]


B’ e '''Juan de Dios Aranzazu''' ([[La Ceja]], [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]],8mh [[am Màrt]] [[1798]] - [[Bogotá]], 14 [[an Giblean]] [[1845]]) fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref>, is e a’ chiad cheann-suidhe na dùthcha à Antioquia. Bha e na Riaghladair air Antioquia eadar [[1832]] agus [[1836]]. Thoisich e na ciad seiseanan ''Mòr-dhail Roinn na h-Antioquia''.
B’ e '''Juan de Dios Aranzazu''' ([[La Ceja]], [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]],8mh [[am Màrt]] [[1798]] - [[Bogotá]], 14 [[an Giblean]] [[1845]]) fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref>, is e a’ chiad cheann-suidhe na dùthcha à Antioquia. Bha e na Riaghladair air Antioquia eadar [[1832]] agus [[1836]]<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref>. Thoisich e na ciad seiseanan ''Mòr-dhail Roinn na h-Antioquia''.


==Beatha==
==Beatha==

Mùthadh on 15:32, 28 dhen t-Sultain 2009

Juan de Dios Aranzazu

B’ e Juan de Dios Aranzazu (La Ceja, Antioquia,8mh am Màrt 1798 - Bogotá, 14 an Giblean 1845) fear-poileataigs à Coloimbia[1], is e a’ chiad cheann-suidhe na dùthcha à Antioquia. Bha e na Riaghladair air Antioquia eadar 1832 agus 1836[2]. Thoisich e na ciad seiseanan Mòr-dhail Roinn na h-Antioquia.

Beatha

Rugadh e 8mh am Màrt 1798 ann an La Ceja, Antioquia, is e mac María Antonia González agus José María de Aranzazu a bh’ann is ‘s e fear-malairt gu math beart dhe freumhan Spàinnteach a bh’ann athair. Na òige, dh’ionnsaich e [Lagh] aig a’ Cholasite San Bartolomé, ann am Bogotá. Bha esan fhèin ann sàs ann an gnothach aig an teaghlach aige cuideachd, is le sin b’ fheudar dhàsan a dhol mun cuairt air feadh Choloimbia agus na dùthchannan mu a thimcheall mar A' Bheiniseala agus Eileanan a’ Chairibianach.

Bha e an sàs anns a’ poileataigs bho 1823 agus bha e iomadh turas os cionn Congreso de Colombia|congresista]]. Bha e na bhall a’ Cho-Chruinneachadh ann an Ocaña ann an 1828. Thug e pàirt ann an coimisean còmhla ri José Antonio Páez a dh’ fheuch, gun shoirbheachas, ris an sgaradh dhen Bheiniseal bho Coloimbia Mhòr a sheachnadh.

Thug e taic dhan ar-a-mach a rinn José María Córdova an aghaidh an deachdaireachd aig a’ Cheann-suidhe Simón Bolivar ann an 1829.

Riaghladair na h-Antioquia

Chaidh na bailtean Campamento, Cocorná, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Liborina a steidheachadh fad ‘s a bha e na Riaghladair. ‘S e ro-ruitheach na rathaid chun a’ mhara a bh’ann.

Ceann-suidhe na Poblachd

Bha e na chathraiche Comhairle na Stàite rè an Riaghaltais aig Pedro Alcántara Herrán. Le sin, bha e na cheann-suidhe Cholombia eadar 1841 agus 1842, fhad ‘s a bha Alcántara Herrán air dhìth is esan a’ stiùireadh na feachdan armachd aig àm Cogadh na Supremos, agus leis nach b’ urrainn dhan leas ceann-suidhe, Domingo Caycedo Santamaría, an dreuchd fhaighin air sgàth gu robh e tinn.

Cuimhneachadh

Chaidh am Baile Aranzazu, a steidheachadh ann an 1853 ann an Caldas, mar chuimhneachadh an Fhir Poileataigs sin a rugadh ann an Antioquia, air sgàth gu tug esan fhèin am fearrann far a bheil am baile an latha an-diugh mar thabhartas.[3]

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Aranzazu