An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "William F. Buckley Jr."

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17: Loidhne 17:


[[de:William F. Buckley, Jr.]]
[[de:William F. Buckley, Jr.]]
[[en:William F. Buckley Jr.]]
[[en:William F. Buckley, Jr.]]
[[et:William F. Buckley juunior]]
[[et:William F. Buckley juunior]]
[[es:William F. Buckley, Jr.]]
[[es:William F. Buckley, Jr.]]

Mùthadh on 12:34, 6 dhen Lùnastal 2009

B’e sgrìobhadair agus iomradair a bh’ann an William Frank Buckley Jr. (b. 24 an t-Samhain, 1925 – 27 an Gearran 2008) a bha tarruing a chuid mhòr de na beachdan aige bho’n làimh-dheis de phoileataigs. Stèidhich è an iris-poileataigeach National Review ann an 1955, agus bha è an làthair air 1,429 earrann de’n phrògram TBh Firing Line bho 1966 gu 1999. A bharrachd air an sin ‘s e naidheachdair a bh’ann le na sgrìobhaidhean aige air am foillseachadh an iomadach pàipear air feadh na Stàitean Aonaichte. Bha è ainmeil airson cho fòghlamaichte, eirmseach agus briathrach ‘sa bha na pìosan a bhiodh è sgrìobhadh.

Bha buaidh mòr dha-rireabh aig Buckley air cultar Ameireaga agus thuirt George H. Nash, eachdraiche an gluasad conservative Ameireaganach, mu dheidhinn:

“dh’fhaodadh duine ràdh gur è an duine innteachail is cudthromach a bh’anns na Stàitean Aonaichte thairis air an leth-chiad bliadhna chaidh…airson ginealach slàn b’e prìomh ghuth conservatism Ameireaganach a bh’ann agus a chiad duine mòr anns an gluasad ud.”

‘S e an rud is buadhach a rinn Buckley poileataigs an làimh dheis a cheangail ri feallsanachd eaconomach “laissez-faire” bhith gu cruaidh an aghaidh comunnachas , mar sin a cuir sios nàdar de bhun-stèidh airson an conservatism nuadh a bha aig cridhe oidhirpean Barry Goldwater agus Ronald Reagan an taghadh airson Ceannard na Stàitean Aonaichte a bhuannachadh.

Sgrìobh Buckley iomadach leabhar. ‘S e an fhear is ainmeil aige God and Man at Yale a chaidh fhoillseachadh an 1951. A measg na leabhraichean eile aige sgrìobh è mu eachdraidh, poileataigs, seòladh-mara, sgilean sgrìobhaidh agus labhairt, agus sreath de leabhraichean rosg mu fear a bha ag obair airson an CIA. Mar is tric bhiodh Buckley ga chuir fhèin air adhart mar Libertarian no consevative. Bhiodh è a fuireach ann am baile New York agus Stamford, Connecticut. Caitligeach a bh’ann, agus bhiodh e a dol dhan aifreann traidiseanta Laideann an Connecticut.