An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Salm 23"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Created page with 'An tritheamh salm thairis air an fhichead / Pslam 23 Tha an tritheamh salm thairis air an fhichead stèidhichte air an taing a thug an Rìgh Daibhidh do Dhia an dèidh dha gre...'
 
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
An tritheamh salm thairis air an fhichead / Pslam 23

Tha an tritheamh salm thairis air an fhichead stèidhichte air an taing a thug an Rìgh Daibhidh do Dhia an dèidh dha greim fhaighinn, gu sìtheil, air an rìoghachd aige agus e beò ann an am soibhreas agus dòigh.

Loidhne 10: Loidhne 8:

Thuirt Iain Calvin mun t-salm, agus e a’ tarraing air na thuirt an Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn òran nas fheàrr, no nas freagarraiche, na na Sailm aig Daibhidh, a chaidh an labhairt tron Spìorad Naoimh… Nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Dia a tha a’ cuir nam facail nar beoil, mar gum biodh E Fhèin a’ seinn tromhainn gus a Ghlòir a mholladh.”

==Aistidhean ceangailte==
*[[Se an Tighearna Fhein mo Chiobair]]

[[Category:Sailm]]
[[Category:Sailm]]

Mùthadh on 15:44, 27 dhen Iuchar 2009

Tha an tritheamh salm thairis air an fhichead stèidhichte air an taing a thug an Rìgh Daibhidh do Dhia an dèidh dha greim fhaighinn, gu sìtheil, air an rìoghachd aige agus e beò ann an am soibhreas agus dòigh.

Le na facail “’S e an Tighearna Fhèin mo chiobair” thathar ag àideachadh an creideas a th’ aig Daibhidh ann an Dia. Tha an cairdeas eadar Israel agus Dia air aithris mar gum b’e aon neach a’ mothachadh an ceangal a tha eadar e fhèin agus an Tighearna. Tha ìomhaigh de chìobair a tha dìleas a’ seasamh mar eisimpleir chumhachdach de churam. Tha earbsa, gu nadarrach, aig caoraich anns a’ chìobair - gun ullaich e na tha dhìth orra airson an làtha na-mhaireach agus na làthaichean a tha ri thighinn.

Mar chìobair, bha eòlas fhèin aig Daibhidh air cho cudromach ‘sa tha ciobair do chaoraich agus bha e den bheachd gun robh an aon nadar ri lorg anns a’ chairdeas a bh’eatorr e-fhèin agus an Tìghearna.

Canaidh cuid gur e an trìtheamh salm thairis air an fhichead (23) an t-salm is grinn a th’ann, gu tric a’ chiad fhear a thèid ionnsachadh, am fear is tric a tha ri chluinntin agus am fhear a mhaireas nar cuimhne. Chaidh a sgrìobhadh lìnntean ro àm Chrìosd ach b’ ann a’ coimhead air adhart a bha an sgrìobhadair.

Thuirt Iain Calvin mun t-salm, agus e a’ tarraing air na thuirt an Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn òran nas fheàrr, no nas freagarraiche, na na Sailm aig Daibhidh, a chaidh an labhairt tron Spìorad Naoimh… Nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Dia a tha a’ cuir nam facail nar beoil, mar gum biodh E Fhèin a’ seinn tromhainn gus a Ghlòir a mholladh.”

Aistidhean ceangailte