An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Soills air Mo Smuain"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Created page with ' ‘S e “'''Soills Air Mo Smuain'''” laoidh le freumhan a tha righinn air ais do dh’Èireann agus na “Linntean Dorcha”. S’ann bho seann laoidh ann an Gaidhlig na h-È...'
 
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
‘S e “'''Soills Air Mo Smuain'''” laoidh le freumhan a tha righinn air ais do dh’Èireann agus na “Linntean Dorcha”. S’ann bho seann laoidh ann an Gaidhlig na h-Èirinn a chaidh a thionndadh gu Beurla nuair a dh’eadar theangaich an sgoilear Mairi Byrne e bhon sean-Ghàidhlig gu Beurla ann an 1905 agus I anns am bliadhna mu dheireadh aice aig Oilthigh na h-Èirinn. Greiseag bheag an deidh seo chaidh a sgrìobhadh ann an rannan le Eleanor Hull an 1912.

A rèir choltais s’ann le manach Èirinneach dhan ainm Dallan Forgaill a chaidh an laoidh a sgriobhadh anns an 6mh linn agus e a fosgladh le:
A rèir choltais s’ann le manach Èirinneach dhan ainm Dallan Forgaill a chaidh an laoidh a sgriobhadh anns an 6mh linn agus e a fosgladh le:

Mùthadh on 15:42, 27 dhen Iuchar 2009

‘S e “Soills Air Mo Smuain” laoidh le freumhan a tha righinn air ais do dh’Èireann agus na “Linntean Dorcha”. S’ann bho seann laoidh ann an Gaidhlig na h-Èirinn a chaidh a thionndadh gu Beurla nuair a dh’eadar theangaich an sgoilear Mairi Byrne e bhon sean-Ghàidhlig gu Beurla ann an 1905 agus I anns am bliadhna mu dheireadh aice aig Oilthigh na h-Èirinn. Greiseag bheag an deidh seo chaidh a sgrìobhadh ann an rannan le Eleanor Hull an 1912.

A rèir choltais s’ann le manach Èirinneach dhan ainm Dallan Forgaill a chaidh an laoidh a sgriobhadh anns an 6mh linn agus e a fosgladh le:

Rop tú mo baile, a Choimdiu cride Bí Thusa 'mo shúile a Rí mhór na ndúil Is Tusa mo shuilean, Righ mo chridhe

Chanadh cuid gur e Forgaill priomh bhard, no filidh, na h-Èirinn aig an t-àm a bha seo agus cliù mhòr aige mar am bàrd ‘oifigeil’ is ainmeil air an eilean. Bha Dallan cuideachd eòlach air Calum Cille agus ‘s e a sgrìobh Amra Choluim Chille mar cuimhneachan dhà.

Tha an laoidh air a sheinn ri seann fonn Eirinneach dhan ris an canar “Slaine”/”Slane” a tha air ainmeachadh an deidh cnoc faisg air Baile Shláine aig a bheil aite sònraichte ann am beul-aithris/eachdraidh a’ Chriosdaidheachd ann an Eireann. An seo, tha e coltach, losg Calum Cille teine air an cnoc an deidh do dh’Àrd-Righ Laoire òrdugh thoirt seachadh nach fhaodadh neach sam bith teine a loisgeadh roimhe agus feis-paganach gus toiseachadh ann an Tara. An aite fhàgail feargach ‘s e am buaidh a bh’aig na rinn Calum Cille ach an Rìgh fhàgail measail air agus e a gabhail iognadh air mar a bha e gun-eagal idir. Mar sin thug e cead dhà cumail air leis an obair aige a sgaoileadh Crìosdaidheachd an Eirinn.