An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leifur Eiríksson"

O Uicipeid
Content deleted Content added
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 02:21, 8 dhen Mhàrt 2009

Cuimhneachan Leif Ericson air beulaibh eaglaise Hallgrímskirkja ann an Reykjavík

B' e seòladair Lochlannach a bha ann an Leif Ericson (Leiv Eiriksson sa Nirribhis, Leifr Eiríksson san t-Sean-Lochlannais, mu 970 - mu 1020). 'S dòcha gum b' e a' chiad fhear Eòrpach a ràinig Ameireaga, far a bheil an-diugh An Talamh Ùr is Labrador. Thachair sin ann an 1002 no 1003. Rinn esan agus an sgioba aige tuineachadh beag, agus an dèidh dhaibh an Geamhraidh a chur seachad ann, thill iad gu Eòrpa. Anns na 1950mh agus 1960mh, chaidh fuigheall tuineachaidh Lochlannaich fhaighinn a-mach san Talamh Ùr a dh'fhaodadh a bhith co-cheangailte ris an turas-cuain.