An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidheal"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 22: Loidhne 22:
Mun t-àm [[an t-Ath-Leasachadh]] anns an [[16mh linn|siathamh linn deug]], cha robh ach còir air leth de sluagh Alba aig an robh a' Ghàidhlig agus bha [[Albannaich]] Gall gu mòr a tionndadh an aghaidh na Gàidheil. 'S ann aig an àm seo a rinn iad oidhirp atharrachadh an t-ainm aig a' Ghàidhlig bho 'Scottis', no 'Scottish' gu 'Irish' no 'Erse' agus an cànan aca fhèin, [[a' Bheurla Ghallda]] , gu 'Scots'.
Mun t-àm [[an t-Ath-Leasachadh]] anns an [[16mh linn|siathamh linn deug]], cha robh ach còir air leth de sluagh Alba aig an robh a' Ghàidhlig agus bha [[Albannaich]] Gall gu mòr a tionndadh an aghaidh na Gàidheil. 'S ann aig an àm seo a rinn iad oidhirp atharrachadh an t-ainm aig a' Ghàidhlig bho 'Scottis', no 'Scottish' gu 'Irish' no 'Erse' agus an cànan aca fhèin, [[a' Bheurla Ghallda]] , gu 'Scots'.


==Deireadh an Tighearnas agus toiseach a'Chreach==
==Deireadh an Tighearnas agus toiseach a' Chreach==
[[Image:MapC2.JPG|thumb|right|An t-Saoghal Gàidhealach mu 1500]]
[[Image:MapC2.JPG|thumb|right|An t-Saoghal Gàidhealach mu 1500]]
Anns a' bhliadhna [[1493]] chrìochnaich [[Tighearnas nan Eilean]] agus, seach nach robh cùmhachd no riaghaltas Gaidhealach ri lorg, thoisich àm 'nuair a' bha sabaid is goid cumant 'sa [[Gàidhealtachd|Ghàidhealtachd]]. Chanair 'Linn nan Creach' ris an t-àm seo agus tha a-mhòr chuid de sheann bhàrdachd Gàidhlig o' na bliadhnaichean seo.
Anns a' bhliadhna [[1493]] chrìochnaich [[Tighearnas nan Eilean]] agus, seach nach robh cùmhachd no riaghaltas Gaidhealach ri lorg, thoisich àm 'nuair a' bha sabaid is goid cumant 'sa [[Gàidhealtachd|Ghàidhealtachd]]. Chanair 'Linn nan Creach' ris an t-àm seo agus tha a-mhòr chuid de sheann bhàrdachd Gàidhlig o' na bliadhnaichean seo.

Mùthadh on 23:19, 16 dhen Ghearran 2009

Is e na Gàidheil (sluagh Ceilteach) a bhios a bruidhinn cànain Gàidhlig no Gàidhealach. Tha ceithir dùthcha san latha an diugh aig a bheil eachdraidh a' tha co-cheangailte gu mòr leis na Gàidheil. Is iad : Alba, Èirinn (an dà thoabh) agus Eilean Mhannain. Tha Alba is Èirinn-a-Tuath (6/32 siorrachdan Eireannach) fo'n Rìoghachd Aonaichte (le sgaoileadh-cumachd, o chionn na 1990s); Eilean Mhannain fo smachd Bhreatainn (ach le pàrlamaid acasan fhèin, agus air taobh a muigh an Rìoghachd Aonaichte), agus Poblachd na h-Éireann (26/32 siorrachdan Eireannach) na stàit neo-eiseimleach.

Ged nach eil moran sam bith a bruidhinn a' Ghàidhlig tuileadh ann an gin de na dùthchannan a tha air an aimneachadh ach b'abhaist gur e am prìomh cànan aig an sluagh-mhòr agus na rìghrean còmhla ri na h-uaislean eile.

Eachdraidh nan Gaidheal

Is ann fo Ghàidheil a bha Alba stèidhichte nuair a ghabh Coinneach mac Ailpin, Rìgh Dal Riada - an t-seann rìoghachd a bh'aig a' chiad Ghàidheil ann an Alba, grèum air slat rìoghail nan Cruithnich agus mar seo bha aonachadh eadar an dà dhùthach. 'S ann tro a mhàthair, ban-phrionnsa Cruithneach, a bha cothrom aig Coinneach a shuidhe air an Cathair-rìoghal aig Pictavia agus bha gu leòr pòsadh agus cairdeas eadar na Gaidheil agus na Cruithnich. Mar seo an dèidh do Ghàidheil cùmhachd fhaighin, thoisich a' Ghàidhlig buaidh a dheanamh air cànan nan Cruithneach, agus ged nach robh uidhear a Ghàidheil ann an Alba ri Cruithneach (tha dùil gun robh coir air naoi Cruithneach airson a h-uile Gaidheal) am brionnn coir air ceud/dà cheud bliadhna cha robh cail ach cùimhne de chànain nan Cruithneach air fhagail. 'Se Gàidhlig am prìomh cànan ann am Breatainn a'tuath a' nis.

Tighean na Lochlannaich

Is ann à Eirinn a' dh'imrich na Gàidheil a' dh'Alba agus 's e Gàidhlig an cànan a bh'air a bhruidhinn air feadh an t-eilean ud. Dh'atharraich seo an dèidh an naoidheamh linn nuair a thoisich sgrios nan Lochlannach agus le ionnsaigh fiathach ghabh iad cùmhachd tarsainn air pairtean mòr den eilean - mar eiseimplair, an "Dubh Linn" air a neo 'san latha an diugh 'Dublin' sa Bheurla (is "Divlyn" sa Ghàidhlig Mhanainn) agus Baile Átha Cliath 'sa Ghàidhlig na h-Eireann/Alba.

Chan ann a bh'ainn an Eirinn a lorgadh tù Gall bhon Lochlainn a' dèanamh creach agus sgrios ach cuideachd an Alba, Mhanainn (far an do ghabh iad grèum air an cathair-rìoghal) agus gu mòr ann an Sasainn far an do dh'ionnsaigh iad bho rìgh Cnut air a no Canute 'san aona linn deug agus cheannsaich iad an dùthaich. Ann an Alba chaidh na h-Eileanan Siar agus a'mhòr chuid den taobh Iar den dùthaich a ghlètheadh fo cùmhachd nan Lochlannaich - 'sann mar seo a' tha an t-ainm 'Innse Gall again air na h-eilean 'san latha an diugh ged a' se 'Innse Gàidheal' a bhiodh nas fìrinneach.

Chan ann gu tighean Somhairle, an gaisgeach ainmeil ud a thoisich Rìoghachd nan Eilean agus a' dh'fhag iomadach teaghlach cùmhachdach mar Clann MhicDhòmhnaill mar a ' Shìol a fhuair na Gaidheil buaidh agus cùmhachd air na Gall anns na meadhan aoisean.

Gàidhlig a Crìonadh an Alba

Alba sa bhliadhna 1400

Mun àm seo thoisich Gàidhlig a càll talamh ann an taobh a-deas agus oirthir Alba. Chan eil cinnt ann carson a thoisich seo ach tha e coltoch gun robh barrachd air aon adhbhair ann - nam miosg am bàs mòr a bh'anns an taobh a' deas de dh'Alba trobh na cogaidhean a sheas iomadach bliadhna an aghaidh Sasainn agus an t-imreachadh a' rinn gall - Sasannaich mar is tric - a'tuath gu Alba. Ghluais uaislean Normannach bhon Fhraing a'steach cuideachd agus còmhla rùthsa thanaig saighdear agus luchd-leanbhainn eile a dùthchannan mar an Òlaind agus a' Ghearmailt.

Mu dheireachd dh'fhàs taobh a-deas Alba a bharrachd air an iar-dheas - Gallobha/Gall-Gàidhealabh , cho làn Goille is gur e an Galldachd an t-ainm a bh'air agus a' Ghàidhealtachd a bh'air taobh-tuath,iar-thuath agus na h-eileanan siar.

Mun t-àm an t-Ath-Leasachadh anns an siathamh linn deug, cha robh ach còir air leth de sluagh Alba aig an robh a' Ghàidhlig agus bha Albannaich Gall gu mòr a tionndadh an aghaidh na Gàidheil. 'S ann aig an àm seo a rinn iad oidhirp atharrachadh an t-ainm aig a' Ghàidhlig bho 'Scottis', no 'Scottish' gu 'Irish' no 'Erse' agus an cànan aca fhèin, a' Bheurla Ghallda , gu 'Scots'.

Deireadh an Tighearnas agus toiseach a' Chreach

An t-Saoghal Gàidhealach mu 1500

Anns a' bhliadhna 1493 chrìochnaich Tighearnas nan Eilean agus, seach nach robh cùmhachd no riaghaltas Gaidhealach ri lorg, thoisich àm 'nuair a' bha sabaid is goid cumant 'sa Ghàidhealtachd. Chanair 'Linn nan Creach' ris an t-àm seo agus tha a-mhòr chuid de sheann bhàrdachd Gàidhlig o' na bliadhnaichean seo.

Le na linntean a leanas tha nas lugha agus nas lugha Albannaich a' bruidhinn a' Ghàidhlig agus tha a Ghàidhealtachd a fàs nas lugha cuideachd. Aig an aon àm tha Beurla a deanamh ionnsaigh mòr an aghaidh a' Ghàidhlig ann an Eirinn an deidh do na h-uaislean imirch gu tìr mòr an Roinn Eorpa le feagal bho na Sasannaich ( Chanair 'Flight of the Earls' ris an seo anns a' Bheurla) . Thug seo cothrom do Shasainn, a' bha air cùmhachd fhaighinn an Eirinn o' chionn linntean, sluagh mhòr de Ghoille a' ghluasad - mar is abhaist bhon Galldachd gu Eirinn agus Ullamh gu h-àraid. Bhrìs seo an Gàidhealtachd Mòr a bh'ann fo taobh an iar-dheas de Eirinn gu ear-thuath de dh'Alba agus bhon àm is tha barrachd agus barrachd atharaichean a' nochdadh ann an gàidhlig an dà dùthaich gu, mu dheireach, bha dà (trì le Mhannan) chànain atharaichte ann.

An deidh càll Blàr Chuil Lodair chaidh sgrios agus mùirt mùr a' dhèanamh tron Gàidhealtachd fo Duke a' Chumberland. Stèidhich an riaghaltas làghan an aghaidh aodach, ceòl agus dualchas eile nan Gàidheal. Bha feum aig clann na h-uasilean a' dhol gu sgoiltean Beurla 'sa Ghalldachd an dèidh achd fòghlam agus le achd fòghlam naiseanta chaidh cuir às do sgoiltean Gàidhlig agus dh'fheumadh a h-uile leanamh dhol gu sgoil a bha cleachdadh a' Bheurla.

An latha an Diugh

'San ficheadamh linn tha a' ghaidheal agus a' ghàidhealtachd air fàs nas gàn agus nas lugha nas luath na aig àm sam bith an eachdraidh. Bha mu 280,000 gaidheal an Alba aig toiseach an linn agus a-nis tha fo 60,000. Ged a' tha an cànan air toiseachadh taic fhaighinn fo pàrlamaid Bhreatainn agus Alba le sgoiltean a teagaisg 'sa chànan chan eil fios an dèid a sàbhaladh.

Ann an Eirinn chaidh taic làidir a thoirt dno cànan fon Poblachd agus is e am prìomh cànan aig an riaghaltas is tha mòran fòghlam air a' thoirt seachadh sa chànan ach tha e fhathast a crìonadh le mu 70,000 neach a' bhios ga chleachdadh mar prìomh cànan (ged a chaineas mu 1.5 millean gu bheil iad fileanta gu ìre mhath no uabhasach math.)

Ann an Mhannain bhasaich a' Ghàidhlig thùsach le Ned Maddrell ann an 1974 ach tha feadhainn a' tha air ionnsacheadh agus a' bhios ga bruidhinn rin clann.

Ann an Aimearaga-a-Tuath, chan eil ach mu 1,000 Gàidheil air fhàgail den sluagh a dh'imrich - uile ann an Ceap Breatainn an Alba Nuadh. Tha a' mhòrchuid den luchd seo gu math aosd ach tha ruid beag fòghlam tro mheadhan a' Ghàidhlig ann le colaistean Gàidhlig agus sgoiltean samhraidh.

Aistidhean Co-Cheangailte