An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: ku:Gadêlî Skotî
Loidhne 357: Loidhne 357:
[[it:Lingua gaelica scozzese]]
[[it:Lingua gaelica scozzese]]
[[ja:スコットランド・ゲール語]]
[[ja:スコットランド・ゲール語]]
[[ka:გელურ-შოტლანდიური ენა]]
[[ka:შოტლანდიური ენა]]
[[ko:스코틀랜드 게일어]]
[[ko:스코틀랜드 게일어]]
[[ku:Gadêlî Skotî]]
[[ku:Gadêlî Skotî]]

Mùthadh on 12:46, 29 dhen t-Samhain 2008

Gàidhlig (Gàidhlig na h-Alba)
Air a'bhruidhinn ann an: Alba, Canada
Roinnean: Alba : A' Ghàidhealtachd, Na h-Eileanan an Iar, agus pàirt mhòr den t-sluagh a fuireach ann am bailtean mòr a'Ghalldachd

Canada : Eilean Cheap Bhreatainn, Alba Nuadh

Aireamh de dh'Fhileantaich: 58652 (seallaibh cuideachd fo ceanglaichean a-mach gu h-ìosal)
Rangachadh: Chan eil ì am bàrr a'chiad ceud cànanan
Teaghlach Cànanach: Ind-Eòrpach

 Ceilteach
  Goideleach
   Gàidhlig

Seasamh Oifigeach
Cànan Oifigeil an: Alba
Air a riaghladh le: Bòrd na Gàidhlig
Samhlaidhean nam cànan
ISO 639-1 gd
ISO 639-2 gla
SIL GLS

Gàidhlig (mar is trice A' Ghàidhlig) : Ball den teaghlach de chànain Ceilteach 'Goidelic' a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goideleach a' gabhail a-steach na cànain Gàidhealach gu lèir ; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Eireann no Gaeilge, agus Gàidhlig Eilean Mhanainn no Gaelg Vanninagh agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goideleach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bho an t-seann Ghàidhlig a bha ar sinnsearan a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is tric anns a' Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba mar is àbhaist 's e "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain a' bhios daoine ag èigheach air an cànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ciall an dàra facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh a' Bheurla Ghallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans" is "Doric" anns a chainnt fhéin.

Tha ainmean àitean ann an litreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid air feadh a' Ghàidhealtachd.

'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingeann aice ris a' Ghaeilge a tha air a bruidhinn ann an Éirinn. 'S e cànan eachdraidheal de chuid mhòr de dh'Alba a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann airson nan seann Ghàidheil, a bha ainmichte mar "Scotti" leis na Goill ann an Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar Scotia no Scotland anns na cànain Ghallda. Chan eil cinnteas ann mu dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha feadhainn air an smuain a chur air adhart gun robh i air a bruidhinn ann an Earra-Ghaidheal ro teachd nan Ròmanach ach chan eil co-aontachas ann air a' chuspair seo. Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' deanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'Ulaidh ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh'fhàs cùmhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhór aig an eaglais Gaidhealach air a' chànan, agus i a' sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gu robh a' Ghàidhlig air a bruidhinn anns na Gall-Ghàidhealaibh mun 5mh no 6mh linn.

Faidhle:RossScotLang1400.JPG
Aon smuain air an dealachadh chànain an 1400

An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan Cruithneach gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e Scottis an t-ainm a bha oirre anns a' Bheurla. Thòisich a' Gàidhlig a' crìonadh ann an tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta, agus mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn Mì rùn mòr nan Gall agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Gallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den Ghalldachd bha i fhathast air a bruidhinn ann am pàirtean mar Charraig agus na Ghall-Gàidhealaibh cho fadalach ris an 18mh linn.

Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh'atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Eirinneach) agus bho an uair sin 'se buidheann de dhual-chainntean a dh'fhàs bho'n t-seann Bheurla ris an canar Beurla Mheadhanach no "Middle English" ann am Beurla an latha an diugh a bha air am bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba a bha air an ainmeachadh mar Scottis (agus bhon an sin Scots). Ge-ta, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromach aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha, gun diofar am bheil a' Ghàidhlig aca fhèin, ach le feadhainn eile a' cur dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach anns a' Ghaidhealtachd agus an Innse Gall.

Tha beul aithris agus dualchas litearra làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Chrìon an cànan gu mór le sgiùrsadh nan Gaidheil an dèidh Blàr Chuil Lodair an 1746 agus Fuadaichean na Gaidhealtachd 'san 19mh linn.

Sanas-rathaid dà-chànanach eile, aig a' Mhalaig 'san Alba siarach.

Eachdraidh

Tha a’ Ghàidhlig air a bhi ga bruidhinn ann an Alba airson còrr ‘s 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Eirinn i le na fògarraich a thathaich ann an Dail Riata, mòrthir cuimsach coltach ri mar a tha Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon an toiseachadh seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach troimh’n a’ mhor chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, ag gabhail àite nan Cruithneach agus na treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. Cha do dh’ fhuirich taobh a-muigh “Alba Ghàidhealach” seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath. Leis a sin, bi a’ Ghàidhlig air a bhi air a bruidhinn, aig àm air choireagain, sa mhor chuid dhen dùthaich agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmeanan na dùthcha.

Sa naoidheamh linn roimh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, Coinneach mac Alpin air na Crithinich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mor-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhor chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhurtha agus Chluaidh. Tha Alba chun an latha an-diugh ga chleachdadh mar ainm airson na dùthcha air fad.

Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san dara linn deug agus san treas linn deug, ach air dhi a bhi air a’ cuir an dàrna taobh mar chànain Chùirt an Rìgh mun àm sin, thoisich i a’ crìonadh gu tuath agus chun an iar mar a ghluais Albais agus Beurla a-steach bho dheas. Bha cuisean air an deanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le na bha a’ tighinn a-staigh do dhaoine as ùr.

Caran mun àm seo, bha ùine agus astar a’ sgaradh an aon chànain seo gu bhi na dhà, le Gàidhlig na h-Alba, mean air mhean, a’ gluasad air falbh bho chànan na h-Eirinn.

B’e cùnntas-sluaigh 1891 a’ chiad fhear a chunntais àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus bha 210,000 air an clàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach, bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh na meadhainean Ghallda a’ ciallachadh gu robh a’ Ghàidhlig a’ sìor chrìonadh troimh’n fhicheadamh linn. Sa chunntais-sluaigh ann an 1991, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid dhe na bha air a bhi ann ceud bliadhna roimh’n a sin.


Fuaimneachadh

Fuaimreagan

Tha an t-sràc throm aig na fuaimreagan na Gàidhlige, leis na litrichean à, è, ì, ò, ù. Tha an t-sràc gheur air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le é agus ó comharraichte, ach am bitheantas, tha sràc throm aig a h-uile fuaimreag.

A table of vowels with pronunciations in IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
a [a] bata
à [a:] bàta
e [ɛ], [e] le, teth
è, é [ɛ:], [e:] sèimh, fhéin
i [i], [i:] sin, ith
ì [i:] mìn
o [ɔ], [o] poca, bog
ò, ó [ɔ:], [o:] pòcaid, mór
u [u] tur
ù [u:] tùr

Dà-ghuthan

A table of diphthongs with pronunciations in IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
ai [a], [ə], [ɛ], [i] caileag, iuchair, geamair, dùthaich
ài [aː], [ai] àite, bara-làimhe
ao(i) [ɰː], [əi] caol, gaoil, laoidh
ea [ʲa], [e], [ɛ] geal, deas, bean
[ʲaː] ceàrr
èa [ɛː] nèamh
ei [e], [ɛ] eile, ainmeil
èi [ɛː] cèilidh
éi [eː] fhéin
eo [ʲɔ] deoch
eò(i) [ʲɔː] ceòl, feòil
eu [eː], [ia] ceum, feur
ia , [ia] biadh, dian
io [i], [ᴊũ] fios, fionn
ìo [iː], [iə] sgrìobh, mìos
iu [ᴊu] piuthar
iù(i) [ᴊuː] diùlt, diùid
oi [ɔ], [ɤ] boireannach, goirid
òi [ɔː] fòill
ói [oː] cóig
ua(i) [uə], [ua] ruadh, uabhasach, duais
ui [u], [ɯ], [ui] muir, uighean, tuinn
ùi [uː] dùin

Connragan

A table of consonants with pronunciations in IPA
Freumhail Sèimhichte
Ceart-sgrìobhadh Leathann Caol Ceart-sgrìobhadh Leathann Caol
b [p] [p] bh [v] [v]
c [kʰ, xk] [kʰʲ, çkʲ] ch [x] [ç]
d [t] [ʤ] dh [ɣ] [j]
f [f] [f] fh ciùin ciùin
g [k] [kʲ] gh [ɣ] [j]
l [ɫ] [ʎ] l [ɫ] [l]
m [m] [m] mh [v] [v]
n [nɰ] [ɲ] n [n] [n]
p [pʰ, hp] [pʰ, hp] ph [f] [f]
r [r] [r] r [r] [ɾʲ]
s [s] [ʃ] sh [h] [h]
t [tʰ, ht] [tʃʰ, htʃ] th [h] [h]
dà-bhileil bileil-fiaclach fiaclach còsagail for-chòsagail de bhràighe a' bheòil na cìche an t-sluagain
spreadhadh p, b , k, g
srònach m n ŋ
coireall r
bualadh ɾ
suathadh f, v s ʃ x, ɣ
lìomhachadh ʧ, ʤ
taobhach l, ɫ ʎ, j


Facail Iasadach

Tha a' dualach ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Cuideachd, tha mòran fhacal 'sa chànan bho chainntean eile - "facail iasadachd" mar a chanas cànanaichean - gu h-àraidh bho Laideann, (muinntir, Didòmhnaich), seann Ghreugais le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (eaglais, Bìoball bho Ekklesia is Biblos), Lochlannais (eilean, sgèir), Eabhra (Sàbaid, Aba) agus Beurla a'Ghallda (briogais, aidh).

Teamplaid:Copyedit Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro bhith a' cruthachadh nua-fhacail a' bheanas ri adhartasan agus atharraichean a-rèir teicneòlas agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh ach 's tric a tha am facal Beurla air a ghabhail ri leis air air dhèanamh freagarrach airson dòigh sgrìobhadh na Gàidhlig ; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e "cian-dealbh" ainm eile 'sa Ghàidhlig air a shon nach eil air a chleachdadh uabhasach tric), coimpiùtar bho computer (ainmean eile nach eil air an cleachdadh: aireamhadair, bocsa-fiosa). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no, an Leòdhas, -igeadh) mar eisimpleir ; "Tha mi a' watcheadh/watchigeadh an telly" (an àite "Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh").

A' dol 'san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a' Bheurla Ghallda agus Beurla gu ìrì, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànain seo mar : whisky (uisge), slogan (sluagh-ghairm), brogue (bròg), agus clan (clann), ben (beinn), glen (gleann) agus loch.

Eadar-Dhealachaidhean le Gàidhlig agus Gaeilge

Eisimpleirean:

Gàidhlig (Leòdhais) - Dè mar a tha thu?

Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?

Gaeilge (Ulaidh) — Caidé mar a tá tú?, air a no Cad é mar atá tú?

Gaeilge Choitcheann — Conas atá tú?


Gàidhlig - Chan eil airgead agam.

Gaeilge - Níl airgead agam


Gàidhlig na h-Éireann (Gaeilge) : Gàidhlig na h-Alba

Gael  : Gaidheal

lá  : latha

oíche  : oidhche

isteach  : a-steach

scoil  : sgoil

páiste  : pàiste

gan  : gun

údarás  : ùghdarras

oifig  : oifis (air a neo oifig)

oscailte  : fosgailte

bliain  : bliadhna

raidió  : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)

rialtas  : riaghaltas

parlaimint  : pàrlamaid

oileán  : eilean

Aistidhean co-cheangailte

Ceangail a-muigh

Comhlan punc Oi Polloi a sheinneas sa Ghàidhlig ag adhartachadh a' chànain air feadh na h-Eòrpa