An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hiort"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: lv:Sentkilda
b robot Adding: pl:St Kilda (Szkocja)
Loidhne 35: Loidhne 35:
[[nl:Saint Kilda]]
[[nl:Saint Kilda]]
[[no:St. Kilda]]
[[no:St. Kilda]]
[[pl:St Kilda (Szkocja)]]
[[pt:Saint Kilda]]
[[pt:Saint Kilda]]
[[ru:Сент-Килда]]
[[ru:Сент-Килда]]

Mùthadh on 03:56, 3 dhen t-Sultain 2008

Bàgh a’ Bhaile, Hiort
Stac Lee
Clàr

Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn a’ Bhaoghla ann an Ìnnse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.

Dh’fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistrealachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus program glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

Ceangalan a-muigh

Teamplaid:Link FA