Sulzbach an der Murr
| Sulzbach an der Murr | |
| Cathrachd | |
| Bratach | Gearradh-arm |
Ceàrnag a’ mhargaidh | |
![]() | |
| 49°0′16″N 9°30′20″E | |
| Dùthaich | |
| Stàit | |
| Sgìre-rianachd | |
| Ceàrn | |
| Mèar (2023[1] –) | Veronika Holz |
| Farsaingeachd | 40.11 km² |
| Àirde | 273 m |
| Àireamh-shluaigh | 5,421 (2024) |
| Dlùths | 135.15/km² |
| Àireamh fòn | +49 (0) 7193 |
| Còd-puist | 71560 |
| Clàradh carbaid | WN |
| sulzbach-murr.de | |
'S e cathrachd Ghearmailteach ann an ceàrn Rems-Murr-Kreis ann an stàit Bhaden-Württemberg a th' ann an Sulzbach an der Murr (IPA: [ˈsʊlt͡sbaç ˈʔan dɛːɐ̯ ˈmʊɐ̯], lit. 'Sulzbach ri taobh a’ Mhurr'; neo dìreach Sulzbach neo Sulzbach (Murr);[2] Gàidhlig: Sulzbach Mhurr).
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e 34 km tuath 's an ear-thuath air baile Stuttgart, suidhichte anns a' Choille Swabianach-Fhrangach eadar Beanntan Löwenstein agus Coille Mhurrhardt.[3]
Tha crìochan aig a' chathrachd san tuath le Großerlach, san ear le baile Murrhardt agus san deas le cathrachd Auenwald 's le baile Bhacknang.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an 1295 a chaidh Sulzbach ainmeachadh airson a' chiad uair,[4] ged as dòcha gum bi am baile fhèin nas sine leis gun do thogadh e ri taobh rathaid Ròmanaich.
Bha Sulzbach na phàirt dhe Shiorrachd Löwenstein gus 1805, às dèidh Cogaidhean Ar-a-mach na Frainge, nuair a chaidh a' chathrachd bheag a toirt do Württemberg.[5]
Bho 1945 gus stèidheachadh Phoblachd Fheadarail na Gearmailte an 23mh dhen Chèitean 1949, bha am baile na phàirt dhe Sgìre Sealbh-ghlacaidh Aimeirigeach ann an stàit Württemberg-Baden.
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ri Verkehrs- und Tarifverbund Stuttgart ("Comann Còmhdail is Càintean Stuttgart CFC"), neo VVS, a tha an urra còmhdhalach poblaiche anns' a bhaile.[6]
Rathaid agus slighean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Sulzbach ceangailte ri Bundesstraße 14, rathad-mòr feadarail bho Stockach (faisg air Konstanz) gu baile beag Rozvadov anns an t-Seic. 'S farasta dha draibhearan bailtean nas motha, mar Stuttgart neo Nürnberg, a ruigsinn air an rathad seo.
Busaichean
[deasaich | deasaich an tùs]'S urrainn dha luchd-siubhail bus a ghabhail a Mhurrhardt, a Schwäbisch Hall, a Wüstenrot, a Bhacknang, a Stuttgart agus a Heilbronn.
Slighean baidhseagail
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaidh RadNETZ BW ("Lionra Baidhseagalachd Bhaden-Württemberg") slighean baidhseagal Sulzbach ri feadhainn bailtean Oppenweiler is Murrhardt.[7]
Tha Slighe Stromberg-Murrtal a' dol tron bhaile. 'S e slighe baidhseagail mhòr a th' innte a tha a' ruith bho Karlsruhe gu baile dlùth Gaildorf.
Trèanaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Sulzbach suidhichte air rathad-iarainn Waiblingen – Schwäbisch Hall-Hessental, far am bi luath-thrèanaichean a' frithealadh luchd-siubhail gach leth-uair a h-uile latha a-mach o dheiridhean-seachdain is saor-làithean. Nan àite, thig trèanaichean roinneil bho Bhacknang.[6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Bürgermeisterwahl Sulzbach an der Murr 2023 (sa Ghearmailtis) le Staatsanzeiger. Air inntrigeadh 21-02-2026.
- ↑ Bahnhof Sulzbach (Murr) (sa Ghearmailtis) le Deutsche Bahn. Air inntrigeadh 16-02-2026.
- ↑ Naturräume Baden-Württembergs (sa Ghearmailtis) le Institiud Stàite Bhaden-Württemberg airson na h-Àrainneachd, Tomhais is Glèidhteachas Nàdair, Stuttgart (2009).
- ↑ Ortsnamenbuch des Rems-Murr-Kreises (sa Ghearmailtis) le Lutz Reichardt, W. Kohlhammer, Stuttgart (1993).
- ↑ Das Land Baden-Württemberg. Amtliche Beschreibung nach Kreisen und Gemeinden (sa Ghearmailtis) le Buidheann-stiùiridh Stuthan-tasgaidh Stàite Bhaden-Württemberg, W. Kohlhammer, Stuttgart (1978).
- 1 2 Sulzbach an der Murr (sa Ghearmailtis) le LeoBW. Air inntrigeadh 19-02-2026.
- ↑ RadROUTENPLANER Baden-Württemberg (sa Ghearmailtis). Air inntrigeadh 19-02-2026.
