Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh
| Y Senedd | |
| Fiosrachadh | |
| Stèidheachadh | 1999 |
| Buill | 60 |
| Labhraiche | Elin Jones |
| Sèorsa | aon-sheòmarach |
| Teirm | 2016 - 2021 |
| Togalach | Legislative Buildings |
| Sèoladh | Prospect Hill, Caerdydd |
| Dùthach | |
| làrach-lìn | http://www.cymru.gov.uk/ |
‘S e Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh a’ bhuidheann a tha air a thaghadh le sluagh na dùthcha, a tha a’ deasbad phoileasaidhean, ag aontachadh laghan a bhios a faighinn buaidh air a’ Chuimrigh agus a' cosg airgid a tha air a thoirt seachad le riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an Seanadh a stèidheachadh ann an 1999 as dèidh referendum ann an 1997. Tha 60 buill anns an t-Seanadh. Tha 40 dhiubh a riochdachadh roinnean-taghaidh fa leth, agus càch air a thaghadh bho chòig roinnean a rèir siostaim riochdachaidh cho-roinneil. Thèid buill an t-Seanaidh a thaghadh airson greise ceithir bliadhna. Chaidh an taghaidhean a chumail ann an 1999, 2003 agus 2007. Thèid cumhachdan gnìomhach an t-Seanaidh a thiomnadh do Phrìomh-Mhinistear an t-Seanaidh. Bidh esan a’ toirt uallach air ministearan Riaghaltais an t-Seanaidh, dleastanais ghnìomhach a cho-lìonadh. ‘S iad sin an caibineat. Thèid gnìomhan an t-Seanaidh fhèin a stiùireadh leis an Oifigear Riaghlaidh a tha fhèin na bhall dhen t-Seanadh.
Buill Pàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Am Pàrtaidh Làbarach am pàrtaidh as motha san t-Senedd agus tha iad san riaghaltas leis a' Phàrtaidh Libearal Deamocratach agus aon neo-eisimeileach.
| Pàrtaidh | Riaghaltas | Seataichean | |
|---|---|---|---|
| • | Am Pàrtaidh Làbarach | Tha | 29 |
| • | Am Pàrtaidh Tòraidh | Chan eil | 11 |
| • | Plaid Cymru | Chan eil | 10 |
| • | Pàrtaidh Brexit | Chan eil | 4 |
| • | Neo-eisimeilich | Chan eil | 3 |
| • | Pàrtaidh Libearal Deamocratach | Tha | 1 |
| • | UKIP | Chan eil | 1 |
| • | Neo-eisimeileach | Tha | 1 |
Cumhachdan reachdachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh cumhachdan a dhèanamh laghan taobh a-staigh raointean sònraichte a thiomnadh aig toiseach an treas Sheanaidh anns a’ Chèitean 2007, fo Achd Riaghladh na Cuimrigh 2006.
Naisg a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Làrach-lìn an t-Seanaidh Làrach-lìn Riaghaltas an t-Seanaidh