Schwäbisch Hall
| Schwäbisch Hall | |
| Baile | |
| gun bhratach | Gearradh-arm |
Àite-margaidh air an Nollaig | |
![]() | |
| 49°6′44″N 9°44′15″E | |
| Dùthaich | |
| Stàit | |
| Sgìre-rianachd | |
| Ceàrn | |
| Mèar (2021[1] –) | Daniel Bullinger |
| Farsaingeachd | 104.19 km² |
| Àirde | 304 m |
| Àireamh-shluaigh | 427,243 (2023) |
| Dlùths | 4,100.61/km² |
| Àireamh fòn | +49 (0) 791 +49 (0) 7907 +49 (0) 7977 |
| Còd-puist | 74523 |
| Clàradh carbaid | SHA, CR |
| schwaebischhall.de | |
'S e baile Gearmailteach ann an stàit Bhaden-Württemberg a th' ann an Schwäbisch Hall (IPA: ˌʃvɛːbɪʃ ˈhal; neo dìreach Hall, an t-ainm oifigeil bho 1802 gu 1935). Tha am baile suidhichte ann an gleann Aibhinn Kocher, 37 km gu ear air Heilbronn agus aon 60 km gu ear-thuath air Stuttgart, prìomh-bhaile na stàite.
A dh'aindeoin na h-ainm air a' bhaile, tha Schwäbisch Hall na phàirt dhe sgìre Heilbronn-Fhrancòinia, a' phàirt as fhaide ear-thuath dhe Bhaden-Württemberg aig a tha Francòinis an Ear, agus i nas càirdiche dhan Bhaidheirn Fhrancòinis na dha sgìrean Bhaden, Württemberg, na h-Eilbheise, Swabia a' Bhaidheirn, Vorarlberg, Alsas agus Liechtenstein, far am bruidhnear Gearmailtis Alemannach.
'B e Baile Saor is Ìmpireil ann an Ìmpireachd Naomh na Ròimhe a bh' ann an Schwäbisch Hall airson aon leth-mhìle bliadhna gus an do ghlac Württemberg ann an 1802 e às dèidh Cogaidhean Napoleon.
Freumh-ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha deasbad fhathast ann mu dheidhinn màthair ainm a' bhaile. Bidh e ga ainmeachadh Schwäbisch ("Swabianach") air sgàth Lìge Swabianaiche, caidreachas an airm eadar iomad bhailtean is stàitean ìmpireil ann an ceann a deas na Gearmailte.[2] Canar gun do thàinig "Hall" à facal Gearmailteach an Iar a' ciallachadh "rud a theasachadh airson a thiomarachadh". 'S fheudar gu bheil am facal seo a' toirt tarraing air an taigh-salainn anns a' bhaile far an cruinnichteadh is goilteadh uisge bhon Aibhinn Kocher airson salainn a dhèanamh.[3][4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha na Ceiltich air a bhith a' dèanamh salann dhe shùil-uisge saillte faisg air Aibhinn Kocher o chionn còigeamh linne RLC.
Fhuair am baile cliù poileataigeach agus eaconomach rè nam Meadhan-aoisean Anmoch agus na Nua-linn Thràith a chionn 's gun do thaobhaich air shùil-uisge saillte. Cha b' e ach Hall a bha a' buileachadh salann anns an sgìre, leis gum b' ann ann an Lorraine neo anns na h-Ailpeannan a bha na builichearan mòra as dlùithe suidhichte.
Bha Schwäbisch Hall na Bhaile Saor is Ìmpireil gus an do thug deireadh Cogaidhean Napoleon Cùmhant Lunéville gu teachd ann an 1801, a cheadaich Diùc Württemberg am baile a ghlacadh.
Linn Nàsach agus fo-ghlacadh nan SAA às dèidh an Dàrna Chogaidh Mhòir
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Hall ath-ainmeachadh air ais gu Schwäbisch Hall ann an 1934 airson air chor is nach tèidear iomrall le bailtean eile air a bheil an t-ainm Hall, mar eisimpleir Hall in Tirol, an Ostair.
Rè Kristallnacht an 9mh dhen t-Samhain 1938, loisg Nàsaich an àite an t-sionagog ann an Steinbach, a thuilleadh air na taighean agus na bùithtean shaoranaich Iùdhach air feadh a' bhaile. Chaidh campa-dùbhlachaidh a thogail faisg air stèisean-thrèanaichean Hall-Hessental.
Chaidh aon 40 saoranaich Iùdhaich am mortadh ann an campaichean-dìtheachaidh Nàsach anns an Roinn-Eòrpa an Ear.
Ghlac trùpan Arm nan Stàitean Aonaichte am baile ann an 1945 agus bha aonadan-iteanalachd Aimeirigeanach ann gus an do thill Schwäbisch Hall do smachd na Gearmailte ann an 1993.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Schwäbisch Hall co-cheangailte ri:[5]
Épinal, an Fhraing (1964)
Loughborough, Sasainn (1966)
Lappeenranta, Suòmaidh (1985)
Neustrelitz, a' Ghearmailt (1988)
Zamość, a' Phòlainn (1989)
Balıkesir, an Tuirc (2006)
Rasht, Ioràn (2016)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Oberbürgermeisterwahl Schwäbisch Hall 2021 (sa Ghearmailtis) le Staatsanzeiger. Air inntrigeadh 22-02-2026.
- ↑ "The Empire under Maximilian I" (sa Bheurla) le Robert G D Laffan, ann an The New Cambridge Modern History, vol I, Cambridge University Press: Cambridge. 1975: 198,
- ↑ "Hall und das Salz" (sa Ghearmailtis) le Kuno Ulshöfer, Herta Beutter (dsn.), ann am Beiträge zur hällischen Stadt- und Salinengeschichte, Thorbecke Verlag der Schwabenverlag AG: Sigmaringen. 1982: 8.
- ↑ Schwäbisch Hall (sa Ghearmailtis] ann an castleroad.de. Air inntrigeadh 26-03-2011.
- ↑ Schwäbisch Hall und seine Partnerstädte (sa Ghearmailtis] ann an schwaebischhall.de. Air inntrigeadh 23-03-2011.
