San Luis (Antioquia)

O Uicipeid
San Luis
Flag of San Luis (Antioquia).svg Coats of arms of None.svg
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Antioquia - San Luis.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Antioquia Department.svg Antioquia
Sgìre Occidente
Àirde 1050m
Co-chomharran 06° 02' 32' Tuath
74° 59' 36' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 453 km²
Àireamh-shluaigh 10,987 (2009)
Dlùths 24.25/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann San Luis. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha faisg air El Santuario aig 1,050m os cionn ìre na mara agus 116km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1875.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ri linn fàs Antioquia, san dàrna leth dhen 19mh Linn, thàinig aig an t-Sagart Clemente Giraldo air slighe gu deas chun na talmhainn bhàn a shealltainn do fheadhainn a bha airson croitean a stèidheachadh dhaibh fhèin. Chaidh am baile seo a chur ait dòigh ann an 1875 agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1882. 'S e Samuel Gómez, José María Gómez, Silverio Hernández, Serafín Yepes, Nepomuceno Castaño, Cayetano Rivas, José María Suárez, Emigdio Suárez, Ramón Giraldo, Antinógenes García, Sergio Marín agus Antonio González na ràinig còmhla ris an t-sagart.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 10,987 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 6,105 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ ann an San Luis fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San Luis, agus 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.4% dhe na daoine ann an San Luis leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 14.3% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San Luis. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an San Luis

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia