San Juan del Cesar

O Uicipeid
San Juan del Cesar
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn La Guajira
Sgìre Santa Marta
Àirde 213m
Co-chomharran 10° 46' 25' Tuath
73° 05' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,415 km²
Àireamh-shluaigh 33,654 (2005)
Dlùths 23.78/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann am La Guajira, Coloimbia,[1] a th’ann San Juan del Cesar. Tha e suidhichte aig 213m os cionn ìre na mara agus 82km air falbh bho Valledupar. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 27˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1701.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Iain,[2] neo Juan ann an Spàinntis. 'S ann às an fhacal Chet-tzar neo Sasare, a tha a' ciallachadh uisge ciùin ann an cànan Tùsanach na sgìre, a thàing an t-ainm Cesar.[3]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 33,654 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 12,141 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San Juan del Cesar, ach tha 13.5% dhe Tùsanaich agus 11% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87% dhe na daoine ann an San Juan del Cesar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 28.8% dhe na dachannan.[6]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San Juan del Cesar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Joaquín Riascos (18331875) an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Catholic Online
  3. Absolute Astronomy
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an San Juan del Cesar