Samacá
Samacá
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Sgìre | 2765m | ||||
Àirde | 2765m | ||||
Co-chomharran | 05º 29' 31' Tuath 73º 29' 12' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 160 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 17,614 (2005) | ||||
Dlùths | 110.09/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile ann am Boyacá,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Samacá. Tha e suidhichte dìreach 30km air falbh bho Tunja, prìomh-bhaile na roinne, 2,765m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde fhuar a th' ann le teodhachd mu 15˚ thar cheann fad na bliadhna.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1556.
Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]
'S e ainm Tùsanach a th'ann an Samacá. ‘S ann à trì facail Muisca a th’ ann: sa (uasal) an t-ainm Ma agus ca (Lùchairt neo Caisteal). Bheireadh sin Caisteal a’ Mhoireir Mha dhuinn sa Ghàidhlig.
Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]
Ged a tha 4,862 nan tàmh anns a' bhaile, tha 19,248 a' fuireach air fad, a’ gabhail a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Samacá (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% nan daoine an seo ' S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Samacá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 13.9% dhe na dachannan.[6]
Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Samacá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]
B’ e Ganza a bha na cheann-fheadhna an seo ro àm nan Spàinnteach. Phòs a nighean aig Aquiminzaque, an Rìgh (neo zaque) ann an Hunza.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Riaghaltas na Roinne: BailteanTeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Climate Data
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia