Salamanca
Salamaca
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 40° 58′ 00 Tuath 05° 40′ 00 Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 38.6 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 154,462 (2010) | ||||
| Dlùths | 4,001.61/km² | ||||
| Àireamh fòn | 034 923 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.salamanca.es | ||||
'S e baile mòr eachdraidheil air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an Salamanca (IPA: salaˈmaŋka, Fraingis: Salamanque, Laideann: Salamantica). Tha e suidhichte aig 795m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Tormes, anns an Sgìre (Spàinntis: Provincia) Salamanca fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: Comunidad Autónoma) Castilla y León, faisg air na crìochan leis A' Phortagail, 171km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 655km bho Bharcelona agus 400km bho Shevilla.[2] Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 44mh baile na dùthcha.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Salamanca ann an 1218, am fear as aosmhoire na Spàinne. Chaochail an Ceimigear Wendell Meredith Stanley an seo ann an 1971.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. B' e Helmantike (Gàidhlig: Tìr na Geaslanachd) a chanadh na Greugaich ris, agus sgrìobh Ptolomaidh gu robh dùn Ceilteach an seo air an robh Salmatica/Salmantica.[5] Sgrìobhadh Livius Hermandica e. Tha teòiridh caran ùr ann, a tha a' dearbhadh gur e ath a th' anns an eileamaid sala- (mar Salas de los Infantes ann am Burgos no Salas de Pallars ann an Lleida),[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin fhathast. Tha cruth na tìre a' gabhail ris an teòiridh ùr.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Lazarillo de Tormes (1554, ùghdair neo-ainmichte)
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas Sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne[dead link]
- ↑ Moyas Díez T., Salamanca: guías de turismo de Castilla y León, Ediciones Grepheus, 2007, ISBN 84-87473-34-2
- ↑ Tertulia Arqueológica
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Stad Brugge
- ↑ Cidade de Coimbra
- ↑ Ayuntamiento de Gijón
- ↑ Ayuntamiento de Las Palmas
- ↑ Ville de Nîmes
- ↑ Stadt Würzburg