Eilean nan Eich

O Uicipeid
Eilean nan Eich

'S e eilean beag a tha ann an Eilean nan Eich. [1] Tha e suidhichte san àird an ear-dheas Tannara Mòire. Tha e na phàirt de na h-Eileanan Samhraidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 58′ 48″ Tuath, 5° 20′ 24″ Iar. Tha e cho farsaing ri 53 heactair. Chan eil daoine sam bith a’ fuireach ann.

Le 60 meatair (197 troigh) 's e Sgurr nan Uan a' bheinn as àirde anns an eilean. Tha eilean dìreach air àird a tuath ris an canar Meall nan Gabhar agus tha Iolla Mhòr, eilean beag eile, air àird a deas dheth.

Cha eilear cinnteach cò às a thàinig ainm an eilein. Ged a thàinig na h-ainmean eile de na h-Eileanan Samhraidh bho Seann Lochlannais neo bho Ghàidhlig, tha cuid den bheachd gur e ainm Beurla (Horse Island) a th' ann a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig. [2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 62, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Coigach Gazetteer

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]