An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Chùil Lodair"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 3: Loidhne 3:
Chaidh '''Blàr Chùil Lodair''' a chur air [[16 an Giblean]] [[1746]].
Chaidh '''Blàr Chùil Lodair''' a chur air [[16 an Giblean]] [[1746]].


Blàr a thachair anns a' bhliadhna [[1746]] eadar an arm [[na Seumasaich|Seumasach]] fon phrionnsa [[Teàrlach Eideard Stiùbhairt]] ("an t-Agarach Òg") agus an t-arm le [[an darna Rìgh Deòrsa|Righ Deòrsa]], no le [[taigh Rìoghail Hanobhair]] (ris an canar "arm nan [[Dìlseach|dìlseach)]], fo [[Uilleam Augustus, Diùc Cumberland|Dhiùc Cumberland]], mac a b'òige an [[an darna Rìgh Deòrsa|rìgh]]. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm [[Na Seumasaich|Seumasach]]; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm [[Dìlseach]] cuideachd. Chaidh an latha air [[na Seumasaich]] ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na [[Gaidhealtachd]].
Blàr a thachair anns a' bhliadhna [[1746]] eadar an arm [[na Seumasaich|Seumasach]] fon phrionnsa [[Teàrlach Eideard Stiùbhairt]] ("an t-Agarach Òg") agus an t-arm le [[an darna Rìgh Deòrsa|Righ Deòrsa]], no le [[taigh Rìoghail Hanobhair]] (ris an canar "arm nan [[Dìlseach|dìlseach)]], fo [[Uilleam Augustus, Diùc Cumberland|Dhiùc Cumberland]], mac a b'òige an [[an darna Rìgh Deòrsa|rìgh]]. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm [[Na Seumasaich|Seumasach]]; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm [[Dìlseach]] cuideachd. Chaidh an latha air [[na Seumasaich]] ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na [[a' Ghàidhealtachd|Gàidhealtachd]].


Tha Cùil Lodair air mòinteach Dhruim Athaisidh, mu chòig mìle an ear air baile [[Inbhir Nis]].
Tha Cùil Lodair air mòinteach Dhruim Athaisidh, mu chòig mìle an ear air baile [[Inbhir Nis]].
Loidhne 93: Loidhne 93:


[[Category:Eachdraidh na h-Alba]]
[[Category:Eachdraidh na h-Alba]]
[[Category:Na Seumasaich]]


[[de:Schlacht bei Culloden]]
[[de:Schlacht bei Culloden]]

Mùthadh on 17:07, 6 dhen t-Samhain 2007

Blàr Chùil Lodair le David Morier
Blàr Chùil Lodair le David Morier

Chaidh Blàr Chùil Lodair a chur air 16 an Giblean 1746.

Blàr a thachair anns a' bhliadhna 1746 eadar an arm Seumasach fon phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhairt ("an t-Agarach Òg") agus an t-arm le Righ Deòrsa, no le taigh Rìoghail Hanobhair (ris an canar "arm nan dìlseach), fo Dhiùc Cumberland, mac a b'òige an rìgh. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm Seumasach; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm Dìlseach cuideachd. Chaidh an latha air na Seumasaich ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na Gàidhealtachd.

Tha Cùil Lodair air mòinteach Dhruim Athaisidh, mu chòig mìle an ear air baile Inbhir Nis. B' e seo am blàr mu dheireadh a chaidh a chur air talamh Bhreatainn.

Carson a thachair am blàr seo? Bha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhairt (no am Prionnsa Bòidheach, mar a chanadh an fheadhainn a bha ga leantainn) a' feuchainn ri crùn a shinnsirean fhaighinn air ais.

Bha Teàrlach a' smaoineachadh gur esan an t-oighre dligheach agus gur ann aigesan a bu chòir dhan chrùn a bhith 's chan ann aig duine de theaghlach Hanòbhair.

Bha na daoine ris an canar na Seumasaich dhen aon bheachd. Is ann air sgàth sin a thachair gach ceannairc eadar 1715 agus 1745.

Is ann ann am muinntir na h-Alba agus gu h-àraidh anns na Gaidheil a bha Teàrlach a' cur earbsa. Dh'fhàg e an Fhraing ann am bàta cogaidh agus nuair a ràinig e Alba, 's ann ann an Eirisgeigh a thàinig e air tìr an toiseach.

An dèidh sin ràinig e Loch nan Uamh eadar Mùideart agus Arasaig. Nuair a dh'èirich cuid dhe na cinn-feadhna Gaidhealach còmhla ris, rinn e a shlighe gu deas gus an do ràinig e Darbaidh.

Cha b' urrainn dha a dhol na b' fhaide na sin agus thàinig air tilleadh gu tuath gus an do ràinig e Inbhir Nis.

Bha Diùc Uilleam ga leantainn fad na h-ùine agus choinnich an t-Arm Dearg agus arm nan Seumasach ri chèile air raon Chùil Lodair, mu astar chòig mìle bho Inbhir Nis.

Cha robh a dhol às aig an dà arm a-nis ach a dhol a shabaid. Bha na Seumasaich sgìth agus glè lag air sgàth cion-bidhe agus cion-cadail.

Cha robh ach mu chòig mìle saighdear ann an arm nan Seumasach. Bha mu naoi mìle saighdear a bha cleachdte ri sabaid aig Diùc Cumberland.

Nan robh Teàrlach air arm gu lèir a chruinneachadh bhiodh co-dhiù uimhir de shaighdearan aige 's a bh' aig an Diùc.

Ach nuair a ràinig na Gaidheil Inbhir Nis, chaidh feadhainn aca air feadh na dùthcha a dh'iarraidh bidhe agus a dh'fhaicinn an teaghlaichean. Cuideachd, chaidh feadhainn aca a chur tuath, gu Siorramachd Rois is Gallaibh, a shabaid ri feachdan an riaghaltais a bha an-sin fo chommand a' Mhorair Loudoun. Mar sin, bha arm a' phrionnsa air a lagachadh.

Ach chuir Teàrlach roimhe a dhol an aghaidh an Airm Dheirg leis na bha aige de shaighdearan, fiù 's ged a chuir na h-oifigearan aige an aghaidh a dhol a shabaid bho nach robh an t-arm ann an cor math. Ach cha ghabhadh Teàrlach rin cuid comhairle.

Bha iadsan a' smaoineachadh (agus bha iad ceart) nach robh mòinteach Chùil Lodair freagarrach dha na Gaidheil agus thuirt iad gum biodh e na b' fheàrr teiche na b' fhaide gu tuath far am faigheadh iad talamh agus cothrom sabaid ris an robh na Gaidheil cleachdte.

Chomhairlich iad dha dàil a chur anns a' bhlàr, ach chan èisteadh Teàrlach riutha.

Chaidh na cinnidhean Gaidhealach a chuir an òrdugh mar a leanas:

A' chiad sreath: Na Camshronaich, Fir Athail, Stiùbhartaich na h-Apann, na Frisealaich, Clann an Tòisich, Clann Lachlainn, Rèisimeid Iain Ruaidh Stiùbhairt, Clann Fhearchair, Clann Illeathain, Clann Raghnaill, na Siosalaich, Clann Dòmhnaill, Fir na Ceapaich agus Ghlinne Garadh.

An dàra sreath; Morair Ogilbhidh agus a dhaoine, Morair Luthais Gòrdan agus a dhaoine, Gòrdanach Ghlinne Buichead agus a dhaoine, Diùc Pheairt agus a dhaoine.

Bha an eachdraidh (am beagan a bh' ann dhiubh) air cùlaibh nan sreathan. Bha am Morair Seòras Moireach air ceann na ciad sreatha agus Morair Dhrumainn air ceann na dara sreatha.

Cha deach urram na làimhe deise a thoirt do Chloinn Dòmhnaill, mar a b' àbhaist bho àm Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) agus ghabh iad gu dona e. Sheas iad gun an claidheamhan a tharraing.

Tha seanchaidhean ag ràdh gun tuirt Fear na Ceapaich, an uair a chunnaic e na Dòmhnallaich a' fàgail an raoin, "A Dhia nan gràs, an do thrèig clann mo chinnidh mi?"

An uair a bha an dà arm a' tighinn faisg air a chèile, thàinig fras gharbh clachan-meallain bhon ear-thuath dìreach an aodainn nan Gaidheal, agus ged a dh'fheuch iad ri taobh an fhuaraidh fhaighinn air an arm dhearg, cha do rinn iad a' chùis air an sin.

Thòisich am blàr air gach taobh le fras pheileirean bho na gunnachan mòra. Sgrog na Gaidheil am bonaidean mar a b' àbhaist agus ruith iad an aghaidh nan saighdearan dearga.

Ach rinn gunnachan arm Rìgh Deòrsa milleadh uabhasach. Sheall na Gaidheil cho treun 's a bha iad le biodag is claidheamh.

Cha do mhair am blàr ach mu thrì chairteal na h-uarach. Fhuair an t-arm dearg a' bhuaidh agus theich arm a' Phrionnsa, a h-uile fear a' dèanamh air a shon fhèin.

Bha Teàrlach na fhògarrach; thàinig gach dòchas a bh' aige gu neoni.

Cha deach fhaighinn a-mach le cinnt a-riamh an àireamh a chaidh a mharbhadh air raon Chùil Lodair.

Tha daoine fiosrach a' dèanamh a-mach gun do chaill na Gaidheil, eadar na bha air an droch leòn agus na bha marbh, mu dhà cheud deug (1200) agus nach do chaill an t-arm dearg ach mu thrì ceud gu leth (350).

"Ann an dùthaich nam mòrbheann Tha uabhas is caoidh! Luchd nam boineid 's nam breacan Chan fhaicear a-chaoidh; Na fir ùra bu trèine, Nach gèilleadh 's iad beò, Air monadh Chùil Lodair, Gun phlosg is gun deò." Bha na rinn an t-arm dearg an dèidh a' bhlàir anabarrach brùideil. Chaidh rudan uabhasach a dhèanamh le òrdugh Diùc Uilleim. Air sgàth sin, thug na h-Albannaich "am Feòladair" air mar fhar-ainm, agus bu mhath an airidh.

Is iomadh Gaidheal gaisgeil a bha na laighe leòinte an dèidh a' bhlàir a chaill a bheatha le brùidealachd nan Sasannach. Gheibh sinn cunntas air an seo bho eachdraidh na h-Alba agus gu deimhinne tha e sgreataidh ri leughadh.

An uair a bha an laoch ainmeil ud, Iain Ruadh Stiùbhart fo chàrn, rinn e òran tiamhaidh air latha Chùil Lodair, agus 's e seo a thuirt e mu Dhiùc Uilleam:

"'S gum bi Uilleam mac Dheòrs; Mar chraoibh gun duilleach fo leòn, Gun fhreumh, gun mheangan, gun mheòran gèige. Gu ma lom bhios a leac, Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac, Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chèire." Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gun deach am mallachd seo a choileanadh mus do bhàsaich e.

Chaidh iomadh blàr a chur ann an Alba a bha na b' fhuiltiche na Blàr Chùil Lodair, ach cha deach gin a chur a-riamh, mura b' e Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) ris an robh uiread an urra.

Bha am Prionnsa bochd a-nis fon choill, agus air a ruagadh air feadh an àite. Chaidh deich mìle fichead punnd Sasannach a ghealltainn do dhuine sam bith a bhrathadh e, ach bha na Gaidheil cho dìleas dha agus cha do bhrath duine e. Chan eil eisimpleir air dìlseachd coltach ri seo ann an eachdraidh an t-saoghail.

Further reading

Mac Choinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Alasdair Gardner, Paislig (1906)