An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Sliabh a' Chlamhain"

O Uicipeid
Content deleted Content added
+ category nas fheàrr
No edit summary
Loidhne 6: Loidhne 6:

Thug arm a' phrionnsa ionnsaigh garg air feachdan an riaghaltais goirid às dèidh briseadh-latha; bha iad a'dol le bruthach, agus bhris an [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] aca loidhnichean an airm deirge ann am fìor chorra mhionaidean. Bha call mòr am measg saighdearan [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]], agus chaidh an ruagadh le [[na Seumasaich]].

==Further reading==
Mac Choinnich, Iain, ''Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich'', Alasdair Gardner, Paislig (1906)

[[category:Alba]]
[[category:Alba]]

Mùthadh on 22:48, 3 dhen t-Samhain 2007

Chaidh am blàr seo a chur tràth sa mhadainn air an 21mh dhen t-Sultain 1745, faisg air Tranent an Lodainn an Ear, Alba. B'e seo a' chiad bhlàr an Ar-a-mach nan Seumasach, 1745-1746.

B'iad an luchd-cogaidh: na Seumasaich, leis a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart aig an ceann is iad fo chommand a' Mhorair Sheòrais Mhoireach agus Dìuc Pheairt; agus feachd Riaghaltas Bhreatainn an Alba, fo chommand an t-Seanailear Cope.

Bha Cope air adbhanns a dhèanamh chun na h-àirde an-iar bho Dunbar; agus am feachd Seumasach ga fheitheamh an Dùn Èideann. Thàinig an dà arm mu choinneamh a chèile faisg air Seton House, a tha fhathast na sheasamh. Thugadh "Sliabh a' Chlamhain" le na Gàidheil air an làrach às dèidh Gladsmuir, baile beag is talamh-monaidh a tha ri làimh.

Thug arm a' phrionnsa ionnsaigh garg air feachdan an riaghaltais goirid às dèidh briseadh-latha; bha iad a'dol le bruthach, agus bhris an dol-sìos aca loidhnichean an airm deirge ann am fìor chorra mhionaidean. Bha call mòr am measg saighdearan Rìgh Deòrsa, agus chaidh an ruagadh le na Seumasaich.

Further reading

Mac Choinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Alasdair Gardner, Paislig (1906)