An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Sliabh a' Chlamhain"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
+ category nas fheàrr
Loidhne 8: Loidhne 8:


[[category:Alba]]
[[category:Alba]]
[[category:Eachdraidh]]
[[category:Eachdraidh na h-Alba]]


[[de:Schlacht bei Prestonpans]]
[[de:Schlacht bei Prestonpans]]

Mùthadh on 10:51, 1 dhen t-Samhain 2007

Chaidh am blàr seo a chur tràth sa mhadainn air an 21mh dhen t-Sultain 1745, faisg air Tranent an Lodainn an Ear, Alba. B'e seo a' chiad bhlàr an Ar-a-mach nan Seumasach, 1745-1746.

B'iad an luchd-cogaidh: na Seumasaich, leis a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart aig an ceann is iad fo chommand a' Mhorair Sheòrais Mhoireach agus Dìuc Pheairt; agus feachd Riaghaltas Bhreatainn an Alba, fo chommand an t-Seanailear Cope.

Bha Cope air adbhanns a dhèanamh chun na h-àirde an-iar bho Dunbar; agus am feachd Seumasach ga fheitheamh an Dùn Èideann. Thàinig an dà arm mu choinneamh a chèile faisg air Seton House, a tha fhathast na sheasamh. Thugadh "Sliabh a' Chlamhain" le na Gàidheil air an làrach às dèidh Gladsmuir, baile beag is talamh-monaidh a tha ri làimh.

Thug arm a' phrionnsa ionnsaigh garg air feachdan an riaghaltais goirid às dèidh briseadh-latha; bha iad a'dol le bruthach, agus bhris an dol-sìos aca loidhnichean an airm deirge ann am fìor chorra mhionaidean. Bha call mòr am measg saighdearan Rìgh Deòrsa, agus chaidh an ruagadh le na Seumasaich.