An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Karlskrona"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
 
Loidhne 24: Loidhne 24:


==Daoine ainmeil==
==Daoine ainmeil==
*[[Bertram Schmiterlöw]] ([[1920]] – [[2002]]). Neach-ealain.<ref>[http://www.bertramschmiterlow.se/Bertram_Schmiterlow/Valkommen.html Bertram Schmiterlöw]</ref>
*[[Bertram Schmiterlöw]] ([[1920]] – [[2002]]). Neach-ealain.<ref>[https://web.archive.org/web/20160304054809/http://www.bertramschmiterlow.se/Bertram_Schmiterlow/Valkommen.html Bertram Schmiterlöw]</ref>


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Am mùthadh mu dheireadh on 00:32, 27 dhen t-Sultain 2022

Karlskrona
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Blekinge
Sgìre Blekinge län
Co-chomharran 56° 09 39′ Tuath
15° 35 10′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21.72 km²
Àireamh-shluaigh 35,212 (2010)
Dlùths 1,621.18/km²
Àireamh fòn (+46) 0455
Duilleag oifigeil http://www.karlskrona.se/

‘S e baile meadhanach agus port na Suaine a th’ ann an Karlskrona (IPA: kɑːɭsˌkruːna). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha air feadh 30 eilean san innis-mhuir Bhelkinge, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Kalmar agus Malmö,[1] anns an sgìre Blekinge län,[2] 382km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 429km bho Uppsala agus 279km bho Ghöteborg. Tha 35,212 duine a' fuireach ann.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à krona (Gàidhlig: crùn) agus Karl (Teàrlach) ann an Suainis a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Crùn Theàrlaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680 leis an rìgh Karl XI na Suaine mar Bhunait a' Chabhlaich leis gur robh an Danmhairg air sgìrean mòra ann an Skåne a thoirt air falbh bhon t-Suain agus mar sin bha an Danmhairg na chunnart do chumhachd na Suaine ann an Lochlann agus sa Mhuir Bhaltach.[5] A bharrachd air sin, bha deigh na trioblaid dhan Chabhalach fad na geamhraidh shuas ann an Stockholm. Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ bhaile Landskrona faisg air Malmö. Chaidh gàrradh-shoithichean a thogail an seo agus ann an 1711 bha corr is mìle duine ag obair ann, an t-àite-obrach na bu mhotha na dùthcha aig an àm.[6] Ann an 1750 bha mu 10,000 duine a’ fuireach sa bhaile mar-thà. Ann an 1981, ghabh bàta-aigeil an Aonaidh Shobhiat air sgeir faisg air Karlskrona.[7]

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Get a Map
  2. Michelin
  3. SCB
  4. Runeberg
  5. Karlskrona
  6. Varvshistorika Förenigen i Karlskrona
  7. War History
  8. Bertram Schmiterlöw

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]