Jump to content

An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr a' Chumhaing"

Chaidh 21 baidht a chur ris ,  10 mìosan air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
No edit summary
No edit summary
Thachair '''Blàr a’ Chumhaing''' (Beurla ''Battle of the Braes'') air [[19 an Giblean]] [[1882]] faisg air a’ [[Bràighe Thròndairnis|Bhràighe]] san [[Eilean Sgitheanach]], nuair a chuir mu cheud croitear an aghaidh feachd de lethchead polas bho Ghlaschu. ’S e pàirt de [[Strì an Fhearainn]] a bh’ ann.
 
Chaidh còirichean innealtraidh air Beinn Lì a thoirt air falbh bho chroitearan a’ Bhràighe gun lughdachadh sam bith air a’ mhàl a dh’ fheumadh iad pàigheadh. Mu dheireadh, an déidh a bhith a’ gearran, lean iad eisimpleir chroitearan [[Cille Mhoire]] an ceann a tuath an Eilein agus dhiùlt iad màl a phàigheadh - gus am faigheadh iad na còirichean air ais. Air 7 an Giblean 1882 chaidh oifigeach an t-siorraim dhan Bhràighe le pasgan shumanaidhean gus am bàir­ligeadh a mhaoidheadh orrasan nach do phàigh am màl, ach cho-éignich an sluagh e na pàipearan a losgadh. Dh’iarr sioram Inbhir Nis taic bho Pholas Ghlaschu gus an lagh a thoirt gu buil, agus air 19 an Giblean rinn lethcheud [[Oifigear-poileis|poileasman]] air a’ Bhràigh. Ach choinnich mu cheud chroitearan iad aig a’ chumhaing, eadar fhireannaich agus bhoireannaich agus chlann, le maidean agus clachan. Chaidh grunnan a leòn ach cha deach duine a mharbhadh. Chaidh cóignear fhear an cur an greim agus chaidh binn a chur orra sa chùirt ann an Inbhir Nis.
 
Bha luchd-naidheachd air siubhal dhan Eilean Sgitheanach còmhla ris a’ phoileas, agus fhuair an strì sannasachd fad is farsaing ann an sgrìobhaidhean sna pàipearan-naidheachd a bha bàidheil do na croitearan. Leudaich an strì gu [[Gleann Dail]]. Bha e a’ fàs follaiseach nach gabhadh na croitearan a chur fo chois gun taic bhon airm, agus cha robh an Riaghaltas deònach sin a dhèanamh seach gun robh am poball a’ taobhadh ri na croitearan. Chuir iad [[Coimisean Napier]] air dòigh, agus lean sin gu [[Achd na Croitearachd (1886)]] a thug faochadh do na croitearan.
41,502

deasachadh