An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Biadh Seapanach"

O Uicipeid
Content deleted Content added
minimal renamings
No edit summary
Tagaichean: Deasachadh inneil-làimhe Deasachadh-lìn inneil-làimhe
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[Faidhle:Sanma, miso soup, rice and tea by nanaow2006.jpg|300px|thumb|Biadh Seapanach]]
[[Faidhle:Sanma, miso soup, rice and tea by nanaow2006.jpg|300px|thumb|Biadh Seapanach]]
[[Faidhle:Japanese Osechi.jpg|200px|thumb|''[[Osechi]]'', mias sònraichte bliadhna ùr Seapanach]]


== Dòigh-ithe nan Seapanach==
== Dòigh-ithe nan Seapanach==

Mùthadh on 17:59, 16 dhen Ògmhios 2020

Biadh Seapanach
Osechi, mias sònraichte bliadhna ùr Seapanach

Dòigh-ithe nan Seapanach

Bhon a thòisich dòigh-beatha a' mhòr-shluaigh air atharrachadh gu mòr fada dhen 1950an, thugadh a' bhuaidh sin air dòigh-ithe nan Seapanach cuideachd.

Ron dàrna cogadh, bhiodh a h-uile Seapanach a' gabhail rìs mar bhunait, le iasg 's glasraich ùra, brot miso agus picealan eugsamhail an cois. An dèidh a' chogaidh, b' e aran a thàinig a-steach gu lònaichean-sgoile agus thug sin buaidh air cleachdaidhean dòigh-ithe a' mhòr-shluaigh san fharsaingeachd. Bidh daoine an-diugh ag ithe tuilleadh fheòil, uighean agus bathar bainne.

Tha trì tràth san latha am bitheantas agus 's e biadh-feasgair an tràth as motha mar as trice. Bhon a tha an dùthaich a' soirbheachadh cho mòr, tha caochladh seòrsachan bìdh ri fhaighinn agus fiù 's anns an dachaigh fhèin, thathar a' cheart cho buailteach biadh Sìneach no à Dùthchannan an Iar fhaicinn air a' bhòrd ri biadh na Seapaine fhèin.

Leis cho saor is a tha e a dhol a-mach a dh'ithe, 's ann a bhios mòran daoine a' dèanamh sin fhèin a h-uile latha, seach na bhith deasachadh bìdh aig an dachaigh. Gheibhear a h-uile seòrsa bìdh a-muigh: biadh Seapanach mar Sushi, Tempura, Udon, Soba agus Nimono; a thuilleadh air biadh Eadailteach, Sìneach, Coireanach, Tài, agus iomadh bhiadh eadar-nàiseanta eile.