An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Würzburg"

Jump to navigation Jump to search
Chaidh 30 baidht a chur ris ,  4 mìosan air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b (corr using AWB)
b
 
== Eachdraidh ==
Chaidh Würzburg a chlàradh ann ann [[704]] mar ''Castellum Virteburch'', ged a thathar dhen bheachd gur ann às an t-sean [[Ceiltis]] ''Briga'' ([[Gàidhlig]]: [[Dùn]]) a tha an t-[[ainm]].<ref>[http://www.rudis-kunstgeschichten.de/Namen.htm Rudis Kunstgeschichten]</ref> Stèidhich an [[naomh]] Bonifatius à [[Sasainn]] sgìre-easbaig an seo ann an [[742]]. Thogadh an [[cathair-eaglais]] ann an stoidhle ròmaineasg eadar [[1040]] agus [[1225]] ann an àite far a thogadh a' chiad [[eaglais]] ann an [[788]].<ref>[http://www.dom-wuerzburg.de/geschichte/zeitleiste/ Dom Würzburg]</ref> Chaidh [[oilthigh]] a chur air dòigh ann an [[1402]] le [[Pàp Bonifatius IX]] agus [[Easbaig]] Johann von Egloffstein. Dhùnadh ann an [[1415]] e ach chaidh ath-stèidheachadh ann an [[1582]].<ref>[http://www.uni-wuerzburg.de/ueber/universitaet/geschichte/ Uni Würzburg]</ref> B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Àrd-Dhiùcachd Würzburg]] a bh' ann bho [[1806]] gu ruige [[1814]],<ref>Köbler, Gerhard(1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich:Verlag C. H. Beck, 639. ISBN 3406332900</ref> nuair a chaidh a thoirt a-steach gu [[Rìoghachd Bayern]]. Chaidh a' chiad thaigh-gnìomhachais innealan clò-bhualaidh san t-saoghal a stèidheachadh an seo ann an [[1817]], air an robh ''Schnellpressenfabrik Koenig & Bauer''.<ref>[http://www.kba.com/en/company/history/ Koenig & Bauer GmbH]</ref> Bha mu 2,000 [[Iùdhachd|Iùdhaich]] nan tàmh sa bhaile nuair a thoisich an [[Darna Cogadh]]. A rèir figearan nan Nàsach fhèin, chaidh 2,063 an toirt air falbh gu campaichean ioma-losgadh eadar [[An t-Samhain]] [[1941]] agus [[an t-Ògmhios]] [[1943]].<ref>[http://www.yadvashem.org/yv/en/exhibitions/communities/wurzburg/1939-1943.asp Yad Vashem]</ref> Chaidh a' chiad bhuidhean gu [[Riga]] ach an uair sin chaidh an toirt gu àiteachan eile mar Izbica, Krasnystaw, [[Theresienstadt]] agus [[Campa-dùmhlachaidh Auschwitz|Auschwitz]]. Cha robh ach 29 Iùdhaich beò anns a' bhaile aig deireadh a' chogaidh.
 
== Bailtean Co-cheangailte ==
3,964

deasachadh

Clàr-taice na seòladaireachd

Innealan pearsanta

Ainm-spàsan

Tionndaidhean