An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Geir Hilmar Haarde"
No edit summary |

Loidhne 23: | Loidhne 23: | ||
== Ceanglaichean a-mach == |
== Ceanglaichean a-mach == |

*[https://framsokn.is/ Framsóknarflokkurinn] |
*[https://framsokn.is/ Framsóknarflokkurinn] |

{| class="wikitable" border=1 align="center" width=70% |

| width="5%" align="center" | '''Ro-Theachdair:'''
'''[[Halldór Ásgrímsson ]]'''
''([[2006]])'' |

| width="2%" align="center" | '''[[Prìomh-mhinistear Innise Tìle|forsætisráðherra]]'''

| width="5%" align="center" | '''Neach-ionlaid:'''
'''[[Jóhanna Sigurðardóttir]]'''
''([[2009]])'' |

{{DEFAULTSORT:Haarde, Geir Hilmar}} |
{{DEFAULTSORT:Haarde, Geir Hilmar}} |
Mùthadh on 11:42, 21 dhen Dùbhlachd 2019
'S e bancair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Geir Hilmar Haarde (ˈceːir̥ ˈhɪlmar̥ ˈhɔrtɛ).[1] Rugadh e air 8 an Giblean 1951 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Bhrandeis, Oilthigh John Hopkins agus Oilthigh Mhinnesota thall sna Stàitean. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1986 agus bha e na Mhinistear an Èisg eadar 1983 agus 1991 agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2004 gu ruige 2006 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an co-bhann le Framsóknarflokkurinn. Phòs e aig Patricia Angelina Mistretta ann an 1975 agus fhuair iad dithis duine cloinne còmhla agus an uair sin aig phòs e aig Inga Jóna Þórðardóttir ann an 1987, agus tha dithis eile aca.[2] B' e gu robh na thachair ann an Innis Tìle aig àm staing an eaconomaidh cho doirbh is gun deach an dùthaich tro gach cruadal gun toireadh Haarde dhan taigh cuirte air a bheil Landsdómur. Bha e an sàs ann an Seðlabanka (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 1977 gu ruige 1983.[3] Bho 2015 tha e air a bhith na thosgair thall san Stàitean agus ann an Aimearaga a Deas.
Caibineit Ásgrímsson
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Haarde os cionn an riaghaltais.[4] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Geir Hilmar Haarde: Prìomhaire
- Ingibjörg Sólrún Gísladóttir: Dùthchannan Cèin
- Árni M. Mathiesen: Ionmhais
- Björgvin G. Sigurðsson: Gnìomhachas
- Björn Bjarnason: Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Einar Kristinn Guðfinnsson: Àiteachas agus Iasgach
- Guðlaugur Þór Þórðarson: Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
- Jóhanna Sigurðardóttir: Cùisean Sòisealta
- Kristján L. Möller: Còmhdhail
- Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir: Foghlam
- Þórunn Sveinbjarnardóttir: Àrainneachd
- Össur Skarphéðinsson: Malairt
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Ro-Theachdair: Halldór Ásgrímsson (2006) |
forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Jóhanna Sigurðardóttir (2009) |