An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Innis Tìle"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 67: Loidhne 67:
(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an [[sagart]] Bede, far a nochdas an t-[[eilean]] is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)
(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an [[sagart]] Bede, far a nochdas an t-[[eilean]] is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)


Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à [[Alba]] agus [[Èirinn]] a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na [[sàgaichean]] (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa [[sòisealtas]] a bh' ann o shin.
Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à [[Alba]] agus [[Èirinn]] a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na [[sàgaichean]] (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa [[sòisealachd]] a bh' ann o shin.


B' ann ann an [[999]] a ghabh an dùthaich ri [[Crìosdaidheachd]], pròiseas air a bheil [[Crìosdachadh Innis Tìle|Kristnitakan]], air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.
B' ann ann an [[999]] a ghabh an dùthaich ri [[Crìosdaidheachd]], pròiseas air a bheil [[Crìosdachadh Innis Tìle|Kristnitakan]], air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Mùthadh on 22:29, 28 dhen t-Samhain 2019

Lýðveldið Ísland

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
Lofsöngur
Cànan(an) oifigeil Innis-Tìlis
Prìomh-bhaile Reykjavík
Baile as motha Reykjavík
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Guðni Th. Jóhannesson
Prìomh-mhinistear Katrín Jakobsdóttir
Ceann-suidhe Alþingi Sturla Böðvarsson
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Danmhairg
1 an Gearran 1904
Poblachd 17 an t-Ògmhios 1944
Farsaingeachd
Iomlan 103,000 km² (107mh)
Uisge 2.7 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan 316,252 (172mh)
Dlùths 3,1/km² (233mh)
LTD/CCC (2006)
gach pearsa $40,277 (2005) (5mh)
Roinn tìde GMT (UTC+0)
Ruith-airgid Icelandic króna
Prìomh àrainn-lìn .is
Còd Àireamh fòn 354

'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.

Eachdraidh

'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]

Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi

(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)

Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.

B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Tir-eòlas

Innis Tìle san Iuchar, dealbh bhon NASA

Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.

Sgìrean

Sgìrean Innis Tìle

Bailtean Mòra

Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.[10]

Cultar

Litreachas

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  6. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  7. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  8. Charlton T. Lewis; Charles Short (1879). A Latin Dictionary. Oxford: Clarendon Press.
  9. Saga Map
  10. World Population Review

Ceanglaichean a-mach

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: