An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sigmaringen"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Bot: Migrating 1 langlinks, now provided by Wikidata on d:q82858
b corr using AWB
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Template:Baile
{{Baile
| AINM = Sigmaringen
| AINM = Sigmaringen
| LÙIREACH = Wappen Sigmaringen.svg
| LÙIREACH = Wappen Sigmaringen.svg

Mùthadh on 15:54, 19 dhen Chèitean 2019

Sigmaringen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Tübingen
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran 48° 05' 12' Tuath
09° 12' 59' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 92.85 km²
Àireamh-shluaigh 15,517 (2013)
Dlùths 167.12/km²
Àireamh fòn +49 (0)72481 agus (0)72488
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Hechingen ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Sigmaringen. Tha e suidhichte eadar 578m agus 794m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Dainiub, faisg air na Beanntan Schwäbischer Alb,[1] anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 77km air falbh bho Stuttgart, 68km bho Ulm, 175km bho Mhünchen agus 576km bho Bherlin.[2] Tha 15,517 duine a' fuireach ann.[3]

Eachdraidh

Chaidh Sigmaringen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 1077 mar Sigmar, ann an sgrìobhainnean an Rìgh Rudolf von Schwaben.[4] Chaidh taigh-pearsain a thogail ann an Laiz, dìreach ri taobh Sigmaringen, ann an 1231 agus thogadh fear eile anns a' bhaile fhèin ann an 1480 cuideachd. Cha do ghabh sluagh na sgìre leis an Ath-leasachadh. Cheannaich Ulrich III. von Württemberg e ann an 1325, ghabh an Iarlachd-crìch Brandenburg thairis air ann an 1415 agus, mu dheireadh thall, thug an teaghlach uasal Hohenzollern seilbh air a' bhaile ann an 1535.[5] Thug Arm na Suaine ionnsaigh air Hechingen ann an 1632 ach dh' fhàilnich iad. B' e prìomh-bhaile Hohenzollern-Sigmaringen a bh' ann bho 1576 gu ruige deireadh na stàite ann an 1849.[6]

Chaidh eadar 150 gu 180 duine a mharbhadh leis na Nasaich ann an Sigmaringen ri linn An Dàrna Cogaidh, o chionn's gu robh iad uile a' fulang mì-rianan ginteil.[7] Faisg air deireadh an Darna Cogaidh chaidh Pétain, ceannard stàit-phupaid nan Nàsach anns an Fhraing, a thoirt gu Sigmaringen anns a’ Ghearmailt an aghaidh a thoil.[8] Nuair a dh’ fhàg e Vichy, as t-samhradh 1944 chuir e roimh gun leigeadh e dheth an dreuchd, ach cha leigeadh e sin a dhèanamh idir.[9] Lean Riaghaltas Vichy air, a dh’aindeoin mì-thoileachas ceannard na stàite. A bharrachd air Pétain fhèin, ràinig luchd-poileataigs agus sgrìobhadairean a chuireadh taic dha na Gearmailtich ri linn for-ghlacadh na Frainge, mar Pierre Laval agus Céline.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Schwäbische Alb
  2. Luft Linie
  3. Destatis
  4. Max Miller, Gerhard Taddey: Handbuch der historischen Stätten Deutschlands, Band 6, Baden-Württemberg. 2. Auflage. 1980, ISBN 3-520-27602-X, S. 297.
  5. Almanach de Gotha
  6. Loher EG: Geschichte, Land und Ortskunde der Souverainen Teutschen Fürstenthümer Hohenzollern Hechingen und Sigmaringen. Stettinischen Buchhandlung, Ulm, 1842
  7. Gabriel Richter: Die psychiatrische Abteilung des Fürst-Carl-Landeskrankenhauses in Sigmaringen im „Dritten Reich“. Leiden, Stigmatisierung, Sterilisation und Tötung angeblich unheilbar Kranker am Beispiel der Hohenzollerischen Lande. In: Zeitschrift für Hohenzollerische Geschichte. 30/31 (1994/1995), S. 241–282
  8. Chemins de Mémoire
  9. Robert Aron, Grands dossiers de l'histoire contemporaine, éd. Librairie Académique Perrin, Paris, 19621964.

Ceanglaichean a-mach