An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rob Donn MacAoidh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 32: Loidhne 32:




{{DEFAULTSORT:MacAoidh, Rob Donn}}
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba|MacAoidh, Rob Donn]]

Mùthadh on 18:48, 12 dhen Ghearran 2019

Rob Donn MacAoidh
Beatha
Breith Allt na Caillich, 1714
Dùthaich  Alba
Bàs 1778
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Buaidh Alexander Pope (en) Translate
Gnè ealain bàrdachd

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Rob Donn MacAoidh (1714 - 1778) no Rob Donn mar as fheàrr a dh'aithnichear e.

Beatha

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich ann an Dùthaich MhicAoidh. Nuair a bha e fhathast na ghille òg chaidh e dh'fhuireach ann an taigh Iain MhicEachainn, fear-taca na sgìre. Bha Rob na chìobair do dh'Iain MacEachainn agus cuideachd thug e a dhà no thrì bliadhnaichean anns an arm.

Bàrdachd

Bha liut air leth aig Rob Donn air a bhith a' dèanamh bàrdachd agus gu sònraichte air a bhith a' fanaid air daoine a b' aithne dha - ge b'e cho àrd no ìseal 's a bha an seasamh sa choimhearsnachd - agus tachartasan a ghabh àite ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh'fhàg e còrr is dà cheud dàn as a dhèidh, air an sgrìobhadh sìos le daoine a bh' air èisteachd riutha o bheul a' bhàird fhèin. Cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aig Rob Donn.

A-measg nan dàn as ainmeile aige tha marbhrann sgaiteach a rinn e do chloinn Fhir Taigh Ruspainn, marbhrann àlainn do dh'Iain MacEachainn agus dà òran a' nochdadh bàidh don Phrionnsa Teàrlach, ged nach b'ann air taobh a' Phrionnsa a bha Dùthaich MhicAoidh. Sgrìobh e cuideachd 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth', a tha a' nochdadh na tlachd a bha e a' gabhail ann a bhith a' sealg, agus òran-gaoil ainmeil a tha fhathast ga sheinn an-diugh, air a bheil 'Iseabail NicAoidh'. Bha deagh chuid de na dàin aige air leth èibhinn agus tha dà fhear aca seo fhathast ga sheinn gu tric cuideachd, 'Briogais Mhic Ruaraidh' agus 'Thèid Mi Cuide Riut'.

Cha robh sgoil aig Rob ach bha e eòlach air obair a' bhàird Shasannaich ainmeil Alexander Pope, tro chòmhraidhean le ministear na sgìre, an t-Urramach MacDhòmhnaill, agus chithear a' bhuaidh a bh' aig stoidhle agus smuaintean Phope air torr den bhàrdachd aig Rob Donn ach gu sònraichte air na marbhrainn.

Dàin

  • Turas Dhàibhidh do dh’Arcaibh An Lasair, d.280-5
  • Spìocairean Ruspainn An Lasair, d.234-7
  • Is Trom Leam an Àirigh An Lasair, d.142-3

Sgrìobhaidhean mu a dhèidhinn

  • Grimble, Ian. The World of Rob Donn. Saltire Society, 1999.

Iomraidhean

  • Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)

Ceanglaichean a-mach