An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Maighread Stiùbhart"

O Uicipeid
Content deleted Content added
òrain air làrach BBC
No edit summary
Loidhne 13: Loidhne 13:
Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre aig an taigh le a teaghlach.<ref name=":0" /> Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.<ref name=":0" />
Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre aig an taigh le a teaghlach.<ref name=":0" /> Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.<ref name=":0" />


Tha i air seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.<ref name=":0" /> Bidh i cuideachd ag obair mar neach-teagaisg seinn aig ionadan leithid ''[[Ceòlas]]'' an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig [[Sabhal Mòr Ostaig]].<ref name=":0" /> Bidh i bho àm gu àm a' teagasg an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an [[Conservatoire Rìoghail na h-Alba]].
Tha i air seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.<ref name=":0" /> Bidh i cuideachd ag obair mar neach-teagaisg seinn aig ionadan leithid ''[[Ceòlas]]'' an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig [[Sabhal Mòr Ostaig]].<ref name=":0" /> Bidh i bho àm gu àm a' teagasg an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an [[Conservatoire Rìoghail na h-Alba]]. Ann an 2012, b' i Ceòladair na Colaiste a bh' innte aig Sabhal Mòr Ostaig.<ref>{{Iomradh iris|ainm=|sloinneadh=Sabhal Mòr Ostaig|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2012-06-05|tiotal=Luchd-ealain air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig|iris=Cuairt-litir|leabhar=Earrach 2012|àireamh=|duilleagan=11|foillsichear=|ionad=|ceann-là_inntrigidh=|url=https://issuu.com/bhatarsaigh/docs/newsletter-errach-12-online/11}}</ref>

=== Duaisean ===
=== Duaisean ===
Choisinn i am Bonn Òir aig a' [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta]] ann an 1993 anns an [[An t-Àrd Ruigh|Àrd Ruighe]].<ref> [http://digital.nls.uk/126153722 Dealbh: James Gunn and Margaret Stewart-Harding, Mòd Gold Medallists], 1993 ann an ''Aithris'', Àir. 8, Samhradh 1993, d.11 (Steòrnabhagh: An Comunn Gàidhealach)</ref> B' i 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna'. ann an 2008.<ref name=":0" />
Choisinn i am Bonn Òir aig a' [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta]] ann an 1993 anns an [[An t-Àrd Ruigh|Àrd Ruighe]].<ref> [http://digital.nls.uk/126153722 Dealbh: James Gunn and Margaret Stewart-Harding, Mòd Gold Medallists], 1993 ann an ''Aithris'', Àir. 8, Samhradh 1993, d.11 (Steòrnabhagh: An Comunn Gàidhealach)</ref> B' i 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna'. ann an 2008.<ref name=":0" />
Loidhne 57: Loidhne 58:
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Leòdhasaich]]
[[Roinn-seòrsa:Leòdhasaich]]
[[Roinn-seòrsa:Ceòladairean an t-Sabhail]]

Mùthadh on 15:50, 13 dhen t-Samhain 2017

Maighread Stiùbhart
Beatha
Breith Col Uarach, 12 dhen Ògmhios 1956
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Gàidhlig
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Inneal-ciùil guth
Taigh-clàraidh Greentrax Recordings
margaretstewart.com

'S e seinneadair Gàidhlig a th' ann am Maighread Stiùbhart (Beurla: Margaret Stewart-Harding).

Beatha

Rugadh agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas.[1] 'S e Gàidhlig a' chiad chànan aice.[2] Dh'fuirich Maighread thall thairis fad iomadh bliadhna; anns a' Bhenesuèla, an Canada, an Àisia an Ear agus san Ear Mheadhanach.[3] Tha i a-nis a' fuireach ann an Inbhir Narann.[3]

Rinn i obair air a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i na h-aon de dhithis eòlaichean a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.[3] Chleachd i tasglann na Sgoile airson iomadh òran a rannsachadh a sheinn i an uair sin air an treas clàr aice, Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008).[4]

Seinn agus Ceòl

Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre aig an taigh le a teaghlach.[3] Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.[3]

Tha i air seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.[3] Bidh i cuideachd ag obair mar neach-teagaisg seinn aig ionadan leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig Sabhal Mòr Ostaig.[3] Bidh i bho àm gu àm a' teagasg an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Ann an 2012, b' i Ceòladair na Colaiste a bh' innte aig Sabhal Mòr Ostaig.[5]

Duaisean

Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 anns an Àrd Ruighe.[6] B' i 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna'. ann an 2008.[3]

Clàran

  • Fhuair Mi Pòg (le Ailean Dòmhnallach) (1998) - CDTRAX132
  • Colla Mo Rùn (le Ailean Dòmhnallach) (2001) - CDTRAX217
  • Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008) - CDTRAX311

Na h-Aoigh air Clàran eile

Tha Maighread a' seinn cuideachd air iomadh clàr eile na h-aoigh agus air co-chruinneachaidhean.

  • Gaelic Women (Ar Cànan ‘s Ar Ceòl) (1999) - CDTRAX172
    • An t-Slige Chreachain
  • Òrain Nan Gàidheal - The Song Of The Gael - CDTRAX5008
  • The Best Of Scottish Music Vol 2 (Greentrax 15th Anniversary) (2001) - CDTRAX215
    • O Mhàiri 'S Tu Mo Mhàiri
  • The Music And Song Of The Great Tapestry Of Scotland (2012) - CDTRAX372D
    • Clann Dòmhnaill An Cogadh Rìgh Teàrlach
  • The Scottish Diaspora: The Music & The Song (2014) - CDTRAX380
    • Tha Mi Sgith 'n Fhogar Seo
    • Oran a Mhetaghama
    • Cuma do na Fearaibh
    • Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean

TBh

Innsean an Iar (2013)

Òrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC Innsean an Iar

Iomraidhean

  1. Fiosrachadh beatha - Maighread Stiùbhart-Harding(Gàidhlig). Tobar an Dualchais. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
  2. Fiosrachadh mu Mhaighread(Beurla). margaretstewart.com. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 3.6 3.7 Maighread Stiùbhart(Gàidhlig). BBC Bliadhna nan Òran. Air a thogail 6mh dhen t-Samhain 2017.
  4. Margaret Stewart - Togaidh Mi Mo Sheolta”. Greentrax Recordings. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2017.
  5. Sabhal Mòr Ostaig (5mh dhen Ògmhios 2012): “Luchd-ealain air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig,” ann an: Cuairt-litir, leabhar Earrach 2012, td. 11.
  6. Dealbh: James Gunn and Margaret Stewart-Harding, Mòd Gold Medallists, 1993 ann an Aithris, Àir. 8, Samhradh 1993, d.11 (Steòrnabhagh: An Comunn Gàidhealach)

Ceanglaichean a-mach