An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Maighread Stiùbhart"

O Uicipeid
Content deleted Content added
+ iomradh
òrain air làrach BBC
Loidhne 36: Loidhne 36:
** ''Cuma do na Fearaibh''
** ''Cuma do na Fearaibh''
** ''Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean''
** ''Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean''

=== TBh ===

==== Innsean an Iar (2013) ====
Òrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC ''Innsean an Iar''
* [http://www.bbc.co.uk/programmes/p01b0gc5 A’ Bhean Eudach]
* [http://www.bbc.co.uk/programmes/p019wtry Am Maraiche 's a Leannan] le [[Màiri NicEalair]]   
* [http://www.bbc.co.uk/programmes/p01cnmb0 Òran na Bèiste-Duibhe]
* [http://www.bbc.co.uk/programmes/p01bwhmk Iorram Suirghe]
* [http://www.bbc.co.uk/programmes/p01b80fq Uiseag bheag dhearg]


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Mùthadh on 15:26, 13 dhen t-Samhain 2017

Maighread Stiùbhart
Beatha
Breith Col Uarach, 12 dhen Ògmhios 1956
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Gàidhlig
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Inneal-ciùil guth
Taigh-clàraidh Greentrax Recordings
margaretstewart.com

'S e seinneadair Gàidhlig a th' ann am Maighread Stiùbhart (Beurla: Margaret Stewart-Harding).

Beatha

Rugadh agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas.[1] 'S e Gàidhlig a' chiad chànan aice.[2] Dh'fuirich Maighread thall thairis fad iomadh bliadhna; anns a' Bhenesuèla, an Canada, an Àisia an Ear agus san Ear Mheadhanach.[3] Tha i a-nis a' fuireach ann an Inbhir Narann.[3]

Rinn i obair air a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i na h-aon de dhithis eòlaichean a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.[3] Chleachd i tasglann na Sgoile airson iomadh òran a rannsachadh a sheinn i an uair sin air an treas clàr aice, Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008).[4]

Seinn agus Ceòl

Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre aig an taigh le a teaghlach.[3] Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.[3]

Tha i air seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.[3] Bidh i cuideachd ag obair mar neach-teagaisg seinn aig ionadan leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig Sabhal Mòr Ostaig.[3] Bidh i bho àm gu àm a' teagasg an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba.

Duaisean

Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 anns an Àrd Ruighe.[5] B' i 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna'. ann an 2008.[3]

Clàran

  • Fhuair Mi Pòg (le Ailean Dòmhnallach) (1998) - CDTRAX132
  • Colla Mo Rùn (le Ailean Dòmhnallach) (2001) - CDTRAX217
  • Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008) - CDTRAX311

Na h-Aoigh air Clàran eile

Tha Maighread a' seinn cuideachd air iomadh clàr eile na h-aoigh agus air co-chruinneachaidhean.

  • Gaelic Women (Ar Cànan ‘s Ar Ceòl) (1999) - CDTRAX172
    • An t-Slige Chreachain
  • Òrain Nan Gàidheal - The Song Of The Gael - CDTRAX5008
  • The Best Of Scottish Music Vol 2 (Greentrax 15th Anniversary) (2001) - CDTRAX215
    • O Mhàiri 'S Tu Mo Mhàiri
  • The Music And Song Of The Great Tapestry Of Scotland (2012) - CDTRAX372D
    • Clann Dòmhnaill An Cogadh Rìgh Teàrlach
  • The Scottish Diaspora: The Music & The Song (2014) - CDTRAX380
    • Tha Mi Sgith 'n Fhogar Seo
    • Oran a Mhetaghama
    • Cuma do na Fearaibh
    • Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean

TBh

Innsean an Iar (2013)

Òrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC Innsean an Iar

Iomraidhean

  1. Fiosrachadh beatha - Maighread Stiùbhart-Harding(Gàidhlig). Tobar an Dualchais. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
  2. Fiosrachadh mu Mhaighread(Beurla). margaretstewart.com. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 3.6 3.7 Maighread Stiùbhart(Gàidhlig). BBC Bliadhna nan Òran. Air a thogail 6mh dhen t-Samhain 2017.
  4. Margaret Stewart - Togaidh Mi Mo Sheolta”. Greentrax Recordings. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2017.
  5. Dealbh: James Gunn and Margaret Stewart-Harding, Mòd Gold Medallists, 1993 ann an Aithris, Àir. 8, Samhradh 1993, d.11 (Steòrnabhagh: An Comunn Gàidhealach)

Ceanglaichean a-mach