An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Canada"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b →‎Tuilleadh Leughaid: litreachadh: leughaidh
Loidhne 189: Loidhne 189:
[[Roinn-seòrsa:Aimearaga a Tuath]]
[[Roinn-seòrsa:Aimearaga a Tuath]]


== Tuilleadh Leughaid ==
== Tuilleadh Leughaidh ==
* Ùghdarras Parlamaid Chanada. 1892. ''Fiosrachadh 'o'n Luchd-Riaghlaidh Mo Dheighinn Chanada'' .[http://www.smo.uhi.ac.uk/mactalla/fiosmuchanada/Mo_dheighinn_Chanada.pdf pdf] bho Leabharlann SMO.
* Ùghdarras Parlamaid Chanada. 1892. ''Fiosrachadh 'o'n Luchd-Riaghlaidh Mo Dheighinn Chanada'' .[http://www.smo.uhi.ac.uk/mactalla/fiosmuchanada/Mo_dheighinn_Chanada.pdf pdf] bho Leabharlann SMO.
* Iain a' Chaoil. 'Gàidheal ann an Canada' (4), ''Gairm'' 57, An Geamhradh 1966. d.30-31.
* Iain a' Chaoil. 'Gàidheal ann an Canada' (4), ''Gairm'' 57, An Geamhradh 1966. d.30-31.

Mùthadh on 13:00, 2 dhen Dàmhair 2017

Canada

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
"A Chanada"
"Dhia Gleidh Bhanrigh" (rìoghail)
Sluagh-ghairm nàiseanta
A Mari Usque Ad Mare  (Laideann)
" Bho mhuir gu muir"
Cànan(an) oifigeil Beurla, Fraingis
Mion-chànan(an) Inuktitut, Inuinnaqtun, Cree, Dëne Sųłiné, Guich’in, Inuvialuktun, Slavey, Tłįchǫ Yatiì, Gàidhlig Chanada
Prìomh-bhaile Ottawa
Baile as motha Toronto
Riaghaltas Monarcachd bhun-reachdail (Deomocrasaidh pàrlamaideach)
Ban-rìgh Ealasaid II
Riaghladair David Lloyd Johnston
Prìomh-mhinistear Justin Trudeau
Stèidheachadh
Cunnradh BNA 1ad, an t-Iuchar 1867
Statute of Westminster 11ad, an Dùbhlachd 1931
Canada Act 17mh, an Giblean 1982
Farsaingeachd
Iomlan 9,984,670 km² (2na)
Uisge 8.92 %
Àireamh-shluaigh (2014)
Iomlan 35.675.834 (37mh)
Dlùths 3.41/km² (219mh)
LTD/CCC (2013)
gach pearsa $43,146 (9mh)
Roinn tìde - (UTC−3.5 to −8)
as t-samhradh - (UTC−2.5 to −7)
Ruith-airgid Dollar Canadach ($)
Prìomh àrainn-lìn .ca
Còd Àireamh fòn 1

'S e dùthaich ann an Ameireaga-a-Tuath a tha ann an Canada[1]. Tha e suidhichte tuath air na Stàitean Aonaichte. Le farsaingeachd 9.93M km² 's e seo an dàrna dùthaich as motha san t-saoghal.

Eachdraidh

Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas na Gàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri 1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh taobh na Gàidhlig.

Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tomas Raibeart MacAonghais, a rugadh an Ceap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a' Chunntais 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaigh Albannaich agus Èireannaich, an coimeas ri 1,289,929 de Fhrangaich agus gun ach 881,301 de Shasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sinnsir anns an dà bhuidhean nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thèarainte a chosnadh."

Bailtean Mòra

Seo liosta na bailtean as motha ann an Canada:[2]

Cruinn-eòlas

Mount Robson, na Beanntainn Creagach ann an Columbia Bhreatannach.

'S e an darna dùthaich as motha anns an t-Saoghal às dèidh na Ruise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.

Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchannan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Uindseor, Ontairio agus Baile Quebec, Quebec.

Tha na Beanntan Creagach san àirde an iar na dùthcha. Tha an Fhàsach Nc'mip suidhichte ann an Columbia Bhreatannach.

A thaobh am meud agus an doimhneachd, 's e ni as iongantaiche ann na Canada na lochan uisge a th' ann. Tha iad a' toirt bàrr air lochan uisge an t-saoghail; mar a tha Loch Superior, an dàrna loch-uisge as motha sa chruinne a-rèir fharsaingeachd uachdair (Loch Michigan-Huron, 1mh) agus a tha 350 mìle air fad, agus 160 mìle air leud. Tha astar 115 mìle ceithir timcheall an loch-uisge seo, agus tha e 1,332 troigh air doimhneachd. Tha trì no ceithir de na lochan seo dlùth do a chèile; agus a' tearbadh Chanada uachdrach bho Stàitean Aonaichte Aimearaga a tha air an taobh eile. Bho loch gu loch dhiubh seo tha aibhnichean a' ruith, a' meudachadh gu mòr mar a tha iad a' dol air an aghaidh, gus am bheil an abhainn mhòr don ainm an Abhainn Labhrainn(Abhainn naoimh Labhrainn) a' tòiseachadh. Tha an abhainn seo dlùth do 100 mìle air leud far am bheil i a' ruigsinn a' chuain. Tha 1900 mìltean bhon àite bho am bheil an abhainn seo ag èirigh, a dh' ionnsaigh an àite far am bheil i a' coinneachadh na fairge. Tha aon àite air Abhainn Labhrainn a tha air ainmeachadh "loch nam mìle eilein"; tha 117 eilean ann an aon ruith air an abhainn seo. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhor. Anns na h-àiteachan sin, far am bheil loch a' tuiteam a-staigh do loch eile mar a tha iad a' tèarnadh le leathad chum a' chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir.[3]

Mòr-roinnean Chanada

Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich. Tha trì roinnean ann an Canada cuideachd, 's e sin Roinnean an Iar thuath, Nunabhùt is Roinn an Iucon.


Roinn Giorrachadh Prìomh-bhaile Ghabh ballrachd an co-chaidreachas
Ontàirio ON Torònto 1 an t-Iuchar, 1867
Cuibèg QC Cathair na Cuibèige 1 an t-Iuchar, 1867
Alba Nuadh NS Halafacs 1 an t-Iuchar, 1867
Bronsuic ùr NB Baile-feardorcha 1 an t-Iuchar, 1867
Manatòba MB Uinnipèg 15 an t-Iuchar, 1870
An Chaluim bhreatainn BC Bhioctoria 20 an t-Iuchar, 1871
Eilean Eòin PE Baile Sheàrlot 1ad, an t-Iuchar, 1873
Sascàiteuain SK Reginea 1 an t-Sultain, 1905
Albàrta AB Eadmonton 1 an t-Sultain, 1905
Talamh an Éisg is Labradòr NL Baile Naoimh Eòin 31 am Màrt, 1949
Roinnean an Iar Thuath NT Sgian-bhuidhe 15 an t-Iuchar, 1870
Roinn an Iucon YT Each-bàn 13 an t-Ògmhios, 1898
Nunabhùt NU Icialuat 1 an Giblean, 1999

Sluagh

Tha Canèideanaich 0.5% air an t-Àimeamh-shluaigh air talamh le 2011[4]. Tha ceathrar a-mach à còig a' fuireach faisg air a' chrìch gu na Stàitean Aonaichte[5].

Daoine ainmeil

Spòrs

Iomraidhean

  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Mongabay
  3. Mac-Talla, Òg-mhios 16, 1894, d3.
  4. "2011 Census: Population and dwelling counts". Statistics Canada. February 8, 2012. RetrievedFebruary 8, 201
  5. Custred, Glynn (2008). "Security Threats on America's Borders". In Moens, Alexander. Immigration policy and the terrorist threat in Canada and the United States. Fraser Institute. p. 96. ISBN 978-0-88975-235-1.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tuilleadh Leughaidh

  • Ùghdarras Parlamaid Chanada. 1892. Fiosrachadh 'o'n Luchd-Riaghlaidh Mo Dheighinn Chanada .pdf bho Leabharlann SMO.
  • Iain a' Chaoil. 'Gàidheal ann an Canada' (4), Gairm 57, An Geamhradh 1966. d.30-31.

Ceanglaichean a-mach