An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Afraga a Deas"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Removing "Coat_of_Arms_of_South_Africa.png", it has been deleted from Commons by INeverCry because: per c:Commons:Deletion requests/File:Coat of Arms of South Africa.png.
No edit summary
Loidhne 109: Loidhne 109:
{{Commons|South Africa|Afraga a Deas}}
{{Commons|South Africa|Afraga a Deas}}


[[Roinn-seòrsa:Dùthchannan]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga a Deas]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga a Deas]]

Mùthadh on 16:11, 26 dhen Lùnastal 2017

Republic of South Africa
IRiphabliki yaseNingizimu Afrika
Republiek van Suid-Afrika

Bratach
[[Faidhle:|70px]]
Lùireach
Sluagh-ghairm nàiseanta
!ke e: ǀxarra ǁke (Khoisan den cànan /Xam)
Aonaibh Daoine Easgamhail!
Cànan(an) oifigeil Afrikaans, Beurla, Sulu, Xhosa, Suasai, Ndebele, Soto, Soto Tuath, Tsonga, Tsuana agus Bhenda
Prìomh-bhaile Cape Town (reachdail)
Bloemfontein (breithneachail)
Pretoria (riochdachail)
Baile as motha Johannesburg (2006)[1]
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Kgalema Motlanthe
Leas- cheann-suidhe Baleka Mbete
Cathraiche M. J. Mahlangu
Neach-labhairt Gwen Mahlangu-Nkabinde
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd

bhon Rìoghachd Aonaichte

31 an Cèitean 1910
Stèidhichte mar Aonadh Afraga a Deas 31 an Cèitean 1910
Chaidh e ann an Poblach Afraga a Deas 10 an Cèitean 1961
Farsaingeachd
Iomlan 1,221,037 km² (25mh)
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 47.9 millean (25mh)
Dlùths 39/km² (136mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa $13,300 (56mh)
Roinn tìde SAST (UTC+2)
Ruith-airgid Rand
Prìomh àrainn-lìn .za
Còd Àireamh fòn 27

'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas[2][3][4] ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas.[5][6] Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia, Botsuana, Siombabue, Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh. Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.

Bailtean

'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoria agus Bloemfontein. A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni, Mvezo, Paul Roux agus Qunu.

Cànain

Tha aon chànan deug ann: Afraganais, Beurla, isiNdebele, Xhosa, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.

Eaconomaidh

Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia. Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn. 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.

Armachd

Blyde River Canyon, Afraga a Deas

'S e an armachd as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air Armachd na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige. B' àbhaist armachd niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.

Duilgheadasan le HIV

Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.

Spòrs

'S e Criogaid, Rugbaidh agus Ball-coise na spòrs as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.

Ainmean Eile

Camel Rock, Rooiberg, Afraga a Deas

Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas.

  • Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans)
  • Republic of South Africa (Beurla)
  • IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele)
  • IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa)
  • IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu)
  • Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi)
  • Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho)
  • Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana)
  • IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati)
  • Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda)
  • Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga)

Iomraidhean

  1. Àireamh-shuaigh nam bailtean
  2. Am Faclair Beag
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  5. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  6. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714

Ceanglaichean a-muigh

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: