An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair Caimbeul"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
Taga: 2017 source edit
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
{{Teamplaid:Sgrìobhadair
| AINM = Alasdair Caimbeul
| DEALBH =
| RUGADH = [[Faidhle:Flag of Scotland.svg|22px]] [[Nis]], [[Alba]]<br/> [[27 an Cèitean]] [[1941]]
| BÀS =
| OBAIR = rosg, dealbhan-cluiche
| CÀNAN = [[Gàidhlig]], [[Beurla]]
| LINN = [[20mh Linn]]
| GLUASADAN =
| CREIDEAMH =
}}


'S e '''Alasdair Caimbeul''' (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à [[Nis, Leòdhas|Nis]], [[Leòdhas]].
'S e '''Alasdair Caimbeul''' (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à [[Nis, Leòdhas|Nis]], [[Leòdhas]].
Loidhne 55: Loidhne 45:
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean an t-Sabhail]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean an t-Sabhail]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]

Mùthadh on 11:34, 24 dhen Lùnastal 2017

Alasdair Caimbeul
sgrìobhadair air mhuinntireas

Beatha
Breith Nis, 27 dhen Chèitean 1941
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Athair Aonghas Caimbeul
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Duaisean a fhuaras

'S e Alasdair Caimbeul (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à Nis, Leòdhas.

A bheatha

Rugadh e an 27 Cèitean 1941 ann an Dail bho Dheas, Nis, Leòdhas.[1][2] 'S e a bhràthair an sgrìobhadair Tormod Caimbeul (Tormod A' Bhocsair). 'S e Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) an t-ainm a bh' air an athair, agus b' e sgrìobhadair ainmeil Gàidhlig eile a bh' ann an uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean). Dh'fhuireach e ann an Drochaid Chonain an Siorramachd Rois anns an 90an.[1]

Obair sgrìobhaidh

Tha e air dealbhan-cluiche, sgeulachdan goirid agus nobhailean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Thòisich e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an 1984.[1] 'S e Bùth a' Bhaile a' chiad dealbh-chluich a sgrìobh e.[3] Bha e an sàs ann am buidhnean dràma, nam measg 'Na Nisich' ann an Leòdhas agus Cluicheadairean Loch Aillse.[3] Bho 1988 gu 1990 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.[1] Sgrìobh esan na nobhailean The Nessman agus Visiting the Bard ann am Beurla.

Bhuannaich e Duais Gasaet Steòrnabhaigh air dealbh-cluich ùr ann an 2009 aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail, agus Duais Dhòmhnaill Mheek ann an 2015 airson an nobhail aige, Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo.[4][5]

Clàr-leabhraichean Gàidhlig

  • 1995. Cha Sgeul Ruin E: Taghadh De Sgeulachdan O Chaochladh ùghdaran, Acair, ISBN 0861521854
  • 1989. le Aonghas MacDhòmhnaill Murchadh agus Am Bradan Steòrnabhagh: Acair
  • nobhail don òigridh
  • 1990. Trì dealbhan-cluiche Slèite, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig ISBN 0951641905
  • Ro-ràdh (dha Magaidh Choineagan)
  • Bùth a' Bhaile
  • A' Home Brew
  • Dol a dh'fhaicinn Nighean an Rìgh
  • An staffroom
  • Toiseach an earraich
  • An sgrìobhaiche
  • 'S e seo do bheatha
  • Na craoladairean
  • Am fear a chaidh dhan eilean.
  • 2016. Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo[6][7]

Clàr-leabhraichean Beurla

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
  2. BBC Voices: Alasdair Caimbeul
  3. 3.0 3.1 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, d.7
  4. The Donald Meek Awards 2016”. The Stornoway Gazette. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2017.
  5. Tòraidhean a' Mhòid 2009.
  6. BBC Naidheachdan 2015-08-28: Duais Dhòmhnaill Mheek a' dol a Nis
  7. Comhairle nan Leabhraichean: Duais Dhòmhnaill Meek 2015

Ceanglaichean a-muigh