An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Škvorecký"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
{{Template:Sgrìobhadair
| AINM = Josef Škvorecký
| DEALBH = Josef skvorecky.jpg|Josef Škvorecký ann an 2004.
| RUGADH = [[Faidhle:Flag of the Czech Republic.svg|22px]] [[Náchod]], [[An t-Seic-Slòbhac]], [[27 an t-Sultain]] [[1924]]
| BÀS = [[Faidhle:Flag of Canada.svg|22px]] [[Toronto]], [[Canada]], [[3 am Faoilleach]] [[2012]]
| OBAIR = [[sgrìobhadh]], [[foillseachadh]]
| CÀNAN = [[Seacais|Teacais]], [[Beurla]]
| LINN =
| GLUASADAN =
| CREIDEAMH = [[Neo-dhiadhaireachd|neo-dhiadhaireach]]
}}


Is e sgrìobhadair agus foillsichear [[An t-Seic|Seiceach]] is [[Canada|Canèideanach]] a bha ann an '''Josef Škvorecký''' ([[IPA]]: ''zɛf ˈʃkvorɛtskiː'', [[Náchod]], [[27 an t-Sultain]] [[1924]] - [[Toronto]], [[3 am Faoilleach]] [[2012]]). Tha uabhasan de riaghaltasan ''totalitarian'', beatha [[Eilthireachd|luchd-fuadachaidh]] agus ceòl [[jazz]] am measg nan cuspairean as bitheanta anns na leabhraichean aige.
Is e sgrìobhadair agus foillsichear [[An t-Seic|Seiceach]] is [[Canada|Canèideanach]] a bha ann an '''Josef Škvorecký''' ([[IPA]]: ''zɛf ˈʃkvorɛtskiː'', [[Náchod]], [[27 an t-Sultain]] [[1924]] - [[Toronto]], [[3 am Faoilleach]] [[2012]]). Tha uabhasan de riaghaltasan ''totalitarian'', beatha [[Eilthireachd|luchd-fuadachaidh]] agus ceòl [[jazz]] am measg nan cuspairean as bitheanta anns na leabhraichean aige.
Loidhne 32: Loidhne 22:
{{DEFAULTSORT:Skvorecky, Josef}}
{{DEFAULTSORT:Skvorecky, Josef}}
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Seiceach]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Seiceach]]
[[Roinn-seòrsa:An t-Seic]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine às an t-Seic]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean]]
[[Roinn-seòrsa:Canada]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Canada]]

Mùthadh on 13:26, 23 dhen Lùnastal 2017

Josef Škvorecký
Beatha
Breith Náchod, 27 dhen t-Sultain 1924
Dùthaich  An t-Seic
 Canada
Bàs Toronto, 3 dhen Fhaoilleach 2012
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
Cèile Zdena Salivarová (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh California, Berkeley
Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg
Cànain Beurla
Seacais
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, cànanaiche, eadar-theangair, foillsichear, bàrd, prose writer (en) Translate, breithniche litreachais agus editing staff (en) Translate
Fastaichean Oilthigh Thoronto
Obraichean comharraichte Zbabělci
Duaisean a fhuaras
Far-ainmean J. Mnata, Errol, Josef Pepýt, Josef Vala, Vladimíra, Vlastimila, Burke, Mary Novak, J.Š. agus Josef Benda
IMDb nm0804992

Is e sgrìobhadair agus foillsichear Seiceach is Canèideanach a bha ann an Josef Škvorecký (IPA: zɛf ˈʃkvorɛtskiː, Náchod, 27 an t-Sultain 1924 - Toronto, 3 am Faoilleach 2012). Tha uabhasan de riaghaltasan totalitarian, beatha luchd-fuadachaidh agus ceòl jazz am measg nan cuspairean as bitheanta anns na leabhraichean aige.

Chrìochnaich e a' chiad nobhail aige, Zbabělci (Na Cladhairean, 1958; air fhoillseachadh mar The Cowards sa Bheurla), ann an 1949, ach cha deach an leabhar air fhoillseachadh gus 1958, agus bha e air a bhacadh gu luath. Chum Škvorecký a' sgrìobhadh sgeulachdan agus nobhailean, ged nach b' urrainn do chuid mhòr de na leabhraichean aige nochdadh an clò mus an dàrna leth de na 60an den 20mh linn, a chionn agus a bha iad glè bhiorach no eadhon sgeigeil mu dheidhinn an nàisein agus mu dheidhinn co-mhaoineis.

Tha cuid mhath de na sgrìobhaidhean aige leth-fhèin-eachdraidheil, leis a' phrìomh charactar, ana-gaisgeach Danny Smiřický, alter ego den ùghdair. Tha iad gu tric a' toirt dealbh air linn no feart àraidh na dùthcha, m.e. làithean mu dheireadh an Dàrna Cogaidh ann an Zbabělci, Seirbheis Nàiseanta ann an Tankový prapor (Cath-buidheann nan Tancaichean, 1969; air fhoillseachadh mar The Republic of Whores sa Bheurla), air neo bliadhnaichean adhradh Stalin aig toiseach nan caogadan agus na mìosan mu thimcheall an Earrach Phràg ann an 1968 ann am Mirákl (Mìorbhail, 1972; air fhoillseachadh mar The Miracle Game sa Bheurla). Ge-tà, bha leabhraichean eile aige, mar cruinneachaidhean sgeulachdan fir-rannsachaidh le ana-gaisgeach eile, Leifteanant Borůvka, gu math soirbheachail mar an ceudna.

As dèidh do na h-armailtean Chùmhnant Warsaw briseadh a-steach dhan Teacoslobhaigia ann an 1968 airson stad a chur air an Earrach Phràg, bha aig Škvorecký agus a bhean, Zdena Salivarová, ri teichead a Chanada. Thòisich esan air teagasg ann an Oilthigh Toronto, agus ann an 1971 stèidhich a' chàraid an taigh-fhoillseachaidh 68 Publishers. Bha buaidh mhòr aig an taigh-fhoillseachaidh air litreachas Seiceach neo-oifigeil: mar eisimpleir, bhiodh iad a' foillseachadh sgrìobhaidhean le Václav Havel (a bhiodh na chiad cheann-shuidhe den Theacoslobhaigia as dèidh deireadh riaghaltais cho-mhaoineich ann an 1989) agus an teacsa tùsail Seiceach de Nesnesitelná lehkost bytí (An t-Aotromachd Mhì-sho-fhulang de Bhith, air fhoillseachadh sa Bheurla mar The Unbearable Lightness of Being) le Milan Kundera (ann an 1985; bha eadar-theangachadh Frangach, L'Insoutenable Légèreté de l'être, air fhoillseachadh ann an 1984).

Ann an 1982, chaidh Škvorecký ainmeachadh airson Duais Nobel, ann an 1990, fhuair e Òrdugh Leòmhainn Ghil (òrdugh Seiceach as àirde) agus ann an 1992, chaidh a dhèanamh Ball Òrdugh Chanada.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach