An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alberto Lleras Camargo"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 57: Loidhne 57:


[[Roinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Coloimbia]]

{{Template:Cinn-suidhe Choloimbia}}
{{Template:Cinn-suidhe Choloimbia}}



Mùthadh on 09:25, 25 dhen Iuchar 2017

Alberto Lleras Camargo

Breith 3 an t-Iuchar 1906
Bogotá (Cundinamarca)
Bàs 4 am Faoilleach 1990
Bogotá (Cundinamarca)
Pòsadh Bertha Puga Martínez
Clann Consuelo, Alberto, Ximena, Marcela
Ainm na Stàite Coloimbia
Teirm 7 an Lùnastal 1945 gu 7 an Lùnastal 1946
7 an Lùnastal 1958 gu 7 an Lùnastal 1962
Ro-theachdaire 1. Alfonso López Pumarejo
2. Gabriel París
Neach-ionlaid Mariano Ospina Pérez
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Alma mater Oilthigh an Rosario
Dreuchd Fear-aithris, neach-poileataigs
Creideamh Caitligeach

B’ e fear-aithris agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Alberto Lleras Camargo (Bogotá, 3 an t-Iuchar 1906 – ibidem, 4 am Faoilleach 1990).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às An t-Sile ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] B’ e boireannach uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu robh a h-athair na dheachdaire thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na oghaichean le Carlos Lleras Restrepo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1966 agus 1970.

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Lleras Camargo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar bhall-pàrlamaid ann an 1931 agus an ceann seachd bliadhna stèidhich e pàipear-naidheachd air an robh El Liberal,[3] air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e prìomh-amas a' phàipeir Pumarejo a thaghadh. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1945 gu ruige 1946 (gu h-eadar-amail)[4] nuair a leig López Pumarejo a dhreuchd agus an uair sin bho 1958 gu ruige 1962. Thug e piseach air an eaconomaidh agus dh'aontaich e an dùthaich - agus an dà phàrtaigh - an dèidh bliadhnaichean na deachdaireachd. Bhris e dàimhean dioplòmasach ri Cuba.[5]

Iomraidhean

  1. Colombia
  2. Geni
  3. Publicaciones Periódicas en Antioquia 1814-1960: Del Chibalete a la Rotativa. María Cristina de Arango.
  4. El Tiempo
  5. LAC