An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aristotelis"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Ghluais Droigheann duilleag Aristoteles gu Aristotélīs: ISO 843
No edit summary
Loidhne 18: Loidhne 18:


[[Roinn-seòrsa:Feallsanaich Greugach]]
[[Roinn-seòrsa:Feallsanaich Greugach]]
[[Roinn-seòrsa:A' Ghrèig]]

Mùthadh on 17:25, 6 dhen Ògmhios 2017

Aristotélīs

'S e Aristotélīs (Greugais: Ἀριστοτέλης, Beurla: Aristotle; beò 384 RC, Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig7 am Màrt 322 RC, Chalicis, Euboea, a' Ghrèig), còmhla ri Platon, aon de na feallsanaichean as cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

Fosgladh

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh' ann an athair Aristotélīs. Bho aois ochd deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fon fheallsanaiche ainmeil Plato.

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh' anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Aristotélīs, Plato agus Socrates. 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Aristotélīs a bh' ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Aristotélīs Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir.

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fhios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mì-chinnteach agus nach b' urrainn do dhuine sam bith fios fìrinneach fhaighean ach bho thionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-saoghal.

Bha diofar bheachdan aig Aristotélīs. Bha esan a' smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromaiche. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' againn a thuirt Aristotélīs 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt òraid. 'S e feadhainn de na sgrìobhaidhean as ainmeile aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Eachdraidh agus Cudthrom obair Aristotélīs

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Aristotélīs bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgrìobhaidhean aig Aristotélīs fhàgail dha Theophrastus. 'S e Theophrastus am maighsear a lean Aristotélīs agus dh'fhalaich e na sgrìobh e airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.