An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uisge-beatha"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b →‎Uisge-beatha na h-Alba: mearachd litreachaidh
→‎Uisge-beatha na h-Alba: mearachd litreachaidh
Loidhne 14: Loidhne 14:


== Uisge-beatha na h-[[Alba]] ==
== Uisge-beatha na h-[[Alba]] ==
Se deoch nàiseanta na h-[[Alba]]. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn
'S e deoch nàiseanta na h-[[Alba]] a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho [[Èirinn]] gu [[Dail Riada]].
barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho [[Èirinn]] gu
[[Dail Riada]].


Dhèanadh na Gaidheil uisge beatha dhaibh fhèin ann am ''poit-dhubh'', ach nise, is e gniomhachas mòr a th'ann, agus bithidh ''grùdairean'' proifeasanta
Dhèanadh na Gaidheil uisge beatha dhaibh fhèin ann am ''poit-dhubh'', ach nise, is e gniomhachas mòr a th'ann, agus bithidh ''grùdairean'' proifeasanta a'dèanamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.
a'dèanamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.


== Roinntean Uisge Beatha ann an Alba ==
== Roinntean Uisge Beatha ann an Alba ==

Mùthadh on 18:59, 27 dhen Fhaoilleach 2017

Is e uisge beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn. Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge beatha, mar is àbhaist, buidhe is trid-shoilleir.

Gu tradiseanta, tha uisge beatha air tarraing a braich, se sin eòrna a th'air brachadh (toirnichte). As dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.

Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an tòiseach am brachadh a dhèanamh caochan.

Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (As deidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).

Uisge-beatha na h-Alba

'S e deoch nàiseanta na h-Alba a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Èirinn gu Dail Riada.

Dhèanadh na Gaidheil uisge beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gniomhachas mòr a th'ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta a'dèanamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.

Roinntean Uisge Beatha ann an Alba

Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinntean tìr-eòlasach: Ìle, A'Ghaidhealtachd, Srath Spè, A'Ghalltachd, Na h-eileanan, An Iar-ghaidhealtachd, agus Ceann Loch Chille-Chiarain.

Seo cuid de na taighean-staile ainmeil:

Ceanglaichean a-mach