An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "České Budějovice"

Jump to navigation Jump to search
Chaidh 2 bhaidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
 
[[Faidhle:Budvar UK.JPG|thumb|left|128px|Botal de leann taigh-grùide Budweiser Budvar.]]
Tha mu 96,000 duine buan-chòmhnaidheach sa bhaile <small>(27/3/2009, <ref>http://aplikace.mvcr.cz/adresa/c/ceske/index.html Oifis Rìoghachd na Seice</ref>)</small>. Ach tha mu 12,000 oileanach ag ionnsachadh anns a’ bhaile aig [[Oilthigh Bohemia a Deas]] <small>(5/1/2009, <ref>http://www.jcu.cz/data_fakta Oilthigh na Bohemia a Deas</ref>)</small> agus tha a’ chuid as motha dhiubh siud a’ tighinn à bailtean eile. Tha mu 95% dhen phoball [[Na Seicich|Seiceach]]. ’S iad am mion-sluagh as motha na [[Ròmanaich]] (no daoine dubh-shiùbhlaich). B’ iad na [[Na Gearmailtich|Gearmailtich]] a’ mhòrchuid gus dèireadh na 19mh linn, agus an dàrna cuid a bu mhotha an dèidh sin, ach bha aca ris [[an t-Seic]] fhàgail an dèidh deireadh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]]. Am measg nan daoine ainmeil a rugadh sa bhaile tha [[Vladimír Remek]], a' chiad [[speurairspeuradair]], ach a-mhàin an fheadhainn às na [[Stàitean Aonaichte]] agus às an [[Aonadh Sobhiat]], a chaidh anns an fhànas.
 
Tha am baile ainmeil airson [[grùdaireachd]] [[leann]]a. Tha dà thaigh-grùide sa bhaile an-diugh. Tha [[Budějovický Budvar]] (“''Budweiser Budvar Brewery''” sa Bheurla) a' dèanamh ''Budějovický Budvar'' (“''Budweiser Budvar''”, mar a chanar ris anns an Roinn-Eòrpa, no “''Czechvar''”, mar a chanar ris anns na Stàitean Aonaichte agus [[Canada]] far a bheil “''Budweiser Budvar''” na ainm air leann bhon taigh-ghrùide Ameireagach [[Anheuser-Busch]]). Agus tha [[Budějovický měšťanský pivovar|Samson]] (gu h-oifigeach: ''Budějovický měšťanský pivovar'' - “''Budweiser Bier Bürgerbräu''” sa Bheurla) a’ dèanamh “Samson”.
38,032

deasachadh

Clàr-taice na seòladaireachd