An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Creach Mòr na Pàirce"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "thumb|Càrn-cuimhne, Baile Ailein, faisg air Loch Éireasort Thachair '''Creach Mòr na Pàirce''' (Park Deer Raid sa..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 08:20, 21 dhen t-Sultain 2016

Càrn-cuimhne, Baile Ailein, faisg air Loch Éireasort

Thachair Creach Mòr na Pàirce (Park Deer Raid sa Bheurla) ann an 1887, anns a' Phàirc, Leòdhas. Chaidh croitearan bho na Lochan a dh' oighreachd-sheilg na Pàirce airson fèidh a shealg, oir bha droch shamrhadh ann agus cha robh bàrr gu leòr ann, agus bha an t-iasgach air a bhith gu math truagh cuideachd, agus mar sin, cha robh biadh gu leòr ann airson àm geamhraidh. Bha na croitearan a' campadh aig Airigh Dhòmhnaill Chaim, agus fhuair iad mu 400 fèidh.

Chaidh sianar a chur fo thriail ann an Dùn Èideann, ach, a-rèir na cùirte, bha iad uile neo-choireach. B' e tachartas cudromach a bh' ann a thaobh còirichean nan croitearan.

Tha Calum MacMhaoilein a' toirt iomradh air Creach Mòr na Pàirce anns an leabhar aige A' Sireadh an Sgadain (Gairm, 1990).

Ceanglaichean a-muigh