An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dearcmhara shawcrossi"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Chordate->Chordata
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Template:Beathach
{{Template:Beathach
| AINM_BEATHACH =Dearcmhara shawcrossi
| AINM_BEATHACH =''Dearcmhara shawcrossi''
| DEALBH =
| DEALBH =
| TEASCA_DEILBH =
| TEASCA_DEILBH =
| REGNUM = [[Animal]]ia
| REGNUM = [[Animal]]ia
| PHYLUM = [[Chordate|Chordata]]
| PHYLUM = [[Chordata]]
| CLASSIS =Reptilia
| CLASSIS =Reptilia
| ORDO = [[Ichthyosauria]] †
| ORDO = [[Ichthyosauria]] †

Mùthadh on 12:42, 27 dhen Lùnastal 2016

Dearcmhara shawcrossi
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Reptilia
Òrdugh Ichthyosauria
Fo-òrdugh Neoichthyosauria †
Gèineas Dearcmhara †
Spèiseas D. shawcrossi

'S e seòrsa Ichthyosaur a tha ann an Dearcmhara shawcrossi. Chaidh cnàmhan a thaisgealadh ann an 1959 ann am Bàigh Bearreraig faisg air Stafainn anns an Eilean Sgitheanach. [1] Tha na h-eòlaichean dhen bheachd gur e seòrsa ùr a th' anns an Dearcmhara shawcrossi.[1] Bha an snàgair bho linn na h-ailbhinn gu bith 14 troighean a dh'fhad bhon t-sròin chun an earbaill, agus bha e beò o chionn mu 170 millean bliadhna. (Meadhan-Diùrasach). 'S e sin a' chiad ichthyosaur ann an Alba a nochdas ann an foillseachan saidheansail. [2]

Chaidh na cnàmhan a lorg le Brian Shawcross a bhuineas don àite fhèin. Gus urram a thoirt air Shawcross chaidh an fhosail ùr ainmeachadh gu h-oifigeil a rèir an duine seo. Ged a tha ainmean Gàidhlig oifigeil gann air seòrsaichean bheathaichean tha a' chiad ainm "Dearcmhara" aon dhiubh.[1]

Tha an fhosail anns an Hunterian Museum ann an Glaschu a-nis.

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 1.2 Guardian 11 Faoi. 2015 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015
  2. Stephen L. Brusatte et al. (2014) Ichthyosaurs from the Jurassic of Skye, Scotland, Scottish Journal of Geology td.11 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015

Ceanglaichean a-mach